Poilis "a' dèiligeadh" ri dol a-mach mì-shòisealta

  • 2 An t-Sultain 2016
Àrd-Shràid Inbhir Nis

Thuirt ceannard roinneil Poilis Alba ann an Inbhir Nis gu bheil dèiligeadh ri dol a-mach mì-shoisealta sa bhaile na phrìomh amas dhaibh.

Thog comhairlichean dragh mu dhol a-mach aig buidhinn bhig de dhaoine a tha tric a' cruinneachadh air an Àrd-Shràid sa bhaile.

Chaidh beingean a thoirt air falbh bho chionn ghoirid feuch an trioblaid a lùghdachadh.

Tha na Poilis ag ràdh nach bu chòir dragh a bhith air comhairlichean.

Thuirt an t-Àrd-Inspeactor Iain Greumach gu bheil iad a' dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta ann an Inbhir Nis.

Co-obrachadh

Dh'innis e gu bheil na Poilis ag obair còmhla ri gnìomhachasan ionadail.

Tha iad deònach rudan mar ghluasad nam beingean fheuchainn, thuirt e, feuch an toir e buaidh air a' chùis.

"Tha dèiligeadh ri dol a-mach mì-shòisealta am measg nam prìomh amasan againn an seo", thuirt an t-Àrd-Inspeactor Greumach.

"S e rud a tha comhairlichean is comhairlean coimhearsnachd a' togail leinn tric, is ma tha e a' tachairt, dèiligidh sinn ris.

"Tha sinn cuideachd ag obair le buidhnean eile feuch dol a-mach nan daoine seo atharrachadh", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile