Leasachaidhean san amharc aig CalMac

  • 30 An Lùnasdal 2016
Bàt-Aiseig Image copyright CalMac
Image caption Tha planaichean mòra san amharc aig CalMac

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn air grunn leasachaidhean a ghealltainn fon chùmhnant ùr aca a thòisicheas anns an Dàmhair.

Ghlèidh iad an cùmhnant ùr anns a' Chèitean 's mairidh e suas ri ochd bliadhna.

Am measg na tha th' anns an amharc aca tha 80% den bhiadh a tha iad a' reic fhaighinn gu h-ionadail, agus deoch a reic air trolaidh air bòrd nan aiseagan.

Bithear cuideachd a' cosg £6m air leasachaidhean air bòrd nan aiseagan agus anns na h-ionadan feitheimh aca.

Dhearbh a' chompanaidh cuideachd gun tèid stiùiriche fhastadh airson a bhith a' bruidhinn ri coimhearsnachdan agus buidhnean ris a bheil iad a' dèiligeadh, agus Bòrd Coimhearsnachd a stèidheachadh a bheir guth dha na coimhearsnachdan air a bheil iad a' frithealadh.

Oifisean ChalMac

Ged a chuir iar-chathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan, fàilte air a' mhòr-chuid de na thathas a' gealltainn, thuirt e gur e briseadh-dùil a th' ann nach tèid oifisean ChalMac a ghluasad dhan na h-Eileanan Siar mar a chaidh a mholadh dhaibh fhad 's a bha iad a' strì airson a' chùmhnant ùir.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil gu leòr ann a tha a' còrdadh rium ach tha aon rud a dhìth feumaidh mi a ràdh. Rinn sinn iomairt mhòr ag argamaid gum bu chòir oifis Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a ghluasad gu na h-Eileanan 's tha iad a' dèanamh gu math soilleir anns an rud a chaidh a chuairteachadh gu bheil iad a' cumail na h-oifis aca ann an Guireag air sgàth mar gum bi tha iad ag ràdh gu bheil obraichean an Inbhir Chluaidh gu math gann".

"Tha sin caran tàmailteach - bha sinn a' coimhead airson gluasad air choireigin".

Bha e toilichte ge-tà, gun tèid bòrd a stèidheachadh airson guth a thoirt dha na coimhearsnachdan agus dh'iarr e orra gluasad air sin gu math sgiobalta.

Rinn e moladh cuideachd air gealltanas na companaidh tuilleadh den bhiadh a tha iad a' reic a cheannach gu h-ionadail.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile