Airgead dha amar-snàimh Mhalaig

  • 25 An Lùnasdal 2016
Amar-snàimh Mhalaig

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd £275,000 a thoirt dhan bhuidhinn chathrannais a tha an urra ri amar-snàimh Mhalaig.

Thèid an t-suim airgid a dh'ionnsaigh uidheim theasachaidh ùir agus uinneagan a chur dhan togalach.

Tha oidhirp a' leantainn airgead fhaighinn à stòrasan eile, is dùil gum bi taic na Comhairle na cuideachadh maoineachadh a bharrachd fhaighinn.

Cosgaidh an obair £1.1m uile gu leìr.

Thuirt fear de chomhairlichean Loch Abair, Ailean MacEanraig, gur e fior-dheagh naidheachd a tha san taic ùr seo dhan choimhearsnachd.

"Tha mi air mo dhòigh buileach glan is feumaidh mi Comhairle na Gàidhealtachd a mholadh", thuirt an Comh. MacEanraig.

Diofar

"Nì seo diofar mòr oir tha an siostam teasachaidh a th' ann 25 bliadhna de dh'aois.

"Thèid siostam ùr a chur ann a bhios fìor-mhath air cumhachd a chùmhnadh.

"Leis na h-uinneagan ùra a bhios ann, bidh an amar-snàimh coltach ri uinneig air an t-saoghal", thuirt e.

Bha dragh ann bho chionn dà bhliadhna gum faodadh an amar-snàimh a dhùnadh.

Thuirt luchd-iomairt gum biodh an goireas ann an cunnart às aonais taic-airgid a bha Comhairle na Gàidhealtachd a gearradh mar phàirt de na sàbhalaidhean aca.

Air a' cheann thall, thuirt a' Chomhairle gun robh argamaid làidir aig an luchd-iomairt, is gun leanadh taic.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile