Buidheann bùtha ga cur air chois

  • 24 An Lùnasdal 2016
Loch Baghasdail Image copyright Richard Webb/Geograph

Chuireadh buidheann stiùiridh air chois oidhche Mhàirt airson bùth choimhearsnachd a stèidheachadh ann an Loch Baghasdail an Uibhist a Deas.

Dhùin an aon bhùth a bha a' reic bidhe sa bhaile na bu tràithe am-bliadhna, goireas a tha a' choimhearsnachd ag ionndrainn gu mòr.

Bha còrr air 80 duine an làthair aig a' choinneimh.

"Bha bùth an seo riamh, agus bha daoine eòlach air tighinn innte agus stuthan ann a bhiodh a dhìth ort, 's dòcha nach biodh tu airson falbh sa chàr fada a dh'iarraidh stuthan mar a tha bainne, no lof, no rud mar sin," thuirt Marion Steele, a bh' aig a' choineimh, agus a tha den bheachd gu bheil bùth riatanach dhan àite.

"Dh'fhaodadh tu tighinn a-mach 's sin fhaighinn, agus chan eil sin againn a-niste.

"On a bha i againn 's on a chaill sinn i, tha sinn ga h-ionndrainn.

"Bha mi glè thoilichte às na chuala mi. Thionndaidh tòrr a-mach airson na coinneimh a bha seo, agus bha a h-uile duine a bha san rùm ag iarraidh bùth fhaicinn ann an Loch Baghasdail a-rithist.

"Bha duine ann a bha a' bruidhinn, 's ann on Cho-operative a bha e fhèin, agus thuirt e gun robh esan a' smaoineachadh gur e rud a dh'obraicheadh 's e togalach a bha leis a' choimhearsnachd.

"Agus nam biodh an togalach leis a' choimhearsnachd fhèin cha bhiodh cosgais mhàil ann, agus tha mi a' smaointinn gur e sin an dòigh air adhart.

"Ach tha fhios agam gum bi e caran doirbh àite a lorg," thuirt i.

Thuirt riochdaire a' Cho-op aig a' choinneimh gun robh 95% de bhùithdean coimhearsnachd soirbheachail.

"Tha mi a' smaointinn gun tug sin misneachd dhaibh, 's brosnachadh dhan a h-uile duine a bha san rùm nuair a chuala iad sin," thuirt Ms Steele.

"Agus tha mi a' smaointinn, mura robh iad a' smaointinn roimhe seo gur e sin an rathad air adhart, tha mi a' smaointinn 's dòcha gu bheil iad a' smaointinn sin a-niste.

"'S e bùth choimhearsnachd a dh'obraicheas. Tha mi a' smaointinn gum biodh e ro dhoirbh do dh'aon duine no 's dòcha dithis a dhol leotha fhèin, airson tha mi a' smaointinn gu bheil taic mhòr ann airson bùithdean coimhearsnachd," thuirt i.