Aithne is dòchas dha Bùth Bharraigh

  • 24 An Lùnasdal 2016
Barraigh

Chan eil ach trì bliadhna bho dh'fhosgail Bùth Bharraigh, ach bha gach cuid soirbheachas is strì gu leòr aca bhon uairsin.

Dh'fhosgail a' bhùth choimhearsnachd ann an 2013, a' toirt gu buil miann gum biodh goireas den leithid ann am Barraigh is Bhatarsaigh.

Tha a' bhùth a' toirt cothrom dha daoine stuthan às an àite a cheannach, is àite cuideachd rudan a tha iad fhèin a' dèanamh a reic.

Tha i air soirbheachadh gu mòr.

Thuirt an fheadhainn a tha ga ruith gu bheil a' bhùth air "beatha às ùr a chur a-staigh a Bhàgh a' Chaisteil".

Cha robh, ge-tà, an strì seachad leis a' bhùth a chur air a casan.

Cnap-starra

Thàinig cnap-starra ann an rathad na bùtha is Comhairle nan Eilean am beachd an togalach a leagail mar phàirt de leasachadh ann am Bàgh a' Chaisteil.

'S ann leis a' Chomhairle a tha an togalach.

Chaidh iomairt a chur air dòigh gus a ghlèidheadh is na ceudan air taic a chur ris.

Tha muinntir na bùtha airson is gun leig a' Chomhairle leotha an togalach a cheannach, no a thoirt seachad dhaibh.

Tha Bùth Bharraigh a-nise air togail de sheòrsa eile fhaighinn, is iad air an ainmeachadh air a' gheàrr-liosta 'son iomairt shòisealta na bliadhna aig Duaisean nan Gnìomhachasan Dùthchail.

Chan eil ach dà bhuidhinn Albannach air an liosta, a tha a' coimhead ri iomairtean de gach seòrsa air feadh na Rìoghachd Aonaichte.

'S e Locheilnet, buidheann coimhearsnachd bainn-leathainn ann an Loch Abar, an tè eile.

Aithne

Tha muinntir Bùth Bharraigh a-nise ag amas air an duais fhèin, is tha iad an dòchas gun cuidich an aithne a tha seo le a bhith a' sealltainn dhan Chomhairle cho cudromach 's a tha an goireas dhaibh.

"Bhithinn an dòchas gun toireadh a' Chomhairle fa-near dìreach cho cudromach 's a tha an t-seòrsa pròiseict a tha seo is am feum a tha iad a' dèanamh do choimhearsnachdan iomallach", thuirt tè de stiùirichean na bùtha, Màiri Anna NicFhearghais.

"Tha an obair a tha a' dol sa bhùth a' toirt togail do thòrr dhaoine ann an dòighean eadar-dhealaichte", thuirt i.

Thèid na duaisean a thoirt seachad aig a' Bhelfry ann an Sasainn air an 13mh den Damhair.

Cothrom dha na Barraich aon duais a bhuannachadh an sin, a dh'fhaodadh an cuideachadh air an t-slighe a dh'ionnsaigh duais fiù 's nas motha - is cinnt mun dachaigh aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile