Ceist mu thubaistean an Loch Abar

  • 24 An Lùnasdal 2016
Poilis

Thòisich deasbad air mar a tha na Poilis a' dèiligeadh ri tubaistean rathaid ann an sgìre Loch Abair.

Dh'iarr comhairlichean san sgìre gum biodh sgioba nas motha de dh'oifigearan le eòlas sònraichte air dèiligeadh ri tubaistean stèidhichte sa Ghearasdan.

Thàinig am beachd bhuapa às dèidh droch thubaiste anns a' Ghearasdan an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh fear-baidhsagail a mharbhadh san tubaist faisg air an stèisean connaidh air taobh tuath a' bhaile.

Bha an rathad dùinte fad seachd uairean de thìde às dèidh làimh is rannsachadh ga dhèanamh.

Ionadail

Thuirt comhairlichean nach eil e math gu leòr nach eil oifigearan ionadail air an trèanadh 'son sgrùdadh a dhèanamh air tubaistean den t-seòrsa.

Dh'iarr iad air Poilis Alba trèanadh a chur air dòigh cho luath 's a ghabhas.

Tha an t-ionad rannsachaidh thubaistean as fhaisge air làimh ann an Inbhir Pheofharain.

Tha dleastanas air an ionad dèiligeadh ri tubaistean air feadh na Gàidhealtachd.

Chuir fear de phoilis Loch Abair dìon air an t-suidheachadh a th' ann.

Thuirt an Inspector Dòmhnall Caimbeul gum bi dàil ann an còmhnaidh às dèidh tubaiste.

Mionaideach

"Nuair a tha tachartas mar seo air na rathaidean, gu seachd àraid far a bheil duine air a mharbhadh, feumaidh rannsachadh mionaideach agus ceart a bhith air a dhèanamh agus tha sin a' toirt ùine, chan eil e gu diofar dè an rathad no dè pìos den dùthaich anns a bheil thu", thuirt an Insp. Caimbeul.

"'S e an trioblaid a tha againn an seo, gu seachd àraid air an an A82 far an do thachair seo, chan eil rathad seachad air", thuirt e.

Thuirt an Insp. Caimbeul gu bheil cùisean nas fheàrr bho chaidh Poilis Alba a stèidheachadh le aon ionad a' dèiligeadh ri tubaistean rathaid.

Tha sin na chuideachadh dha oifigearan ionadail, thuirt e.

"Tha an fheadhainn an seo, tha iad a' dèanamh rannsachadh is sgrùdadh air na tha a' tachairt, ach feumaidh iad cuideachadh bho oifigearan à àiteachan eile.

Rannsachadh

"Mar a bha an t-seachdain seo chaidh, thàinig iad à Inbhir Pheofharain gus cuideachadh a thoirt seachad, ach na h-oifigearan a bha seo, bha iadsan a' dèanamh rannsachaidh fhad s' a bha iad a' feitheamh.

Thuirt e nach robh e a' faicinn argamaid 'son ionad eile nas fhaisg air Loch Abar.

"Cha chreid mi gu bheil na tha a' tachairt de thubaistean air na rathaidean againne ann an Loch Abar, gum feumadh sinn buidheann mar sin an seo.

"Far a bheil iad an-dràsta shuas ann an Inbhir Pheofharain, faisg air meadhan na Gàidhealtachd, tha iad a' toirt seachad seirbheis dha na h-Eileanan agus dhan Ghàidhealtachd.

"Chanainn-sa gu bheil iad san àite cheart agus tha sinn ann an àite nas fheàrr na bha sinn mun deach sinn gu Poilis Alba", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile