Spealadh Carpàitianach

  • 23 An Lùnasdal 2016
Mowing Image copyright Teàrlach Quinnell

Tha mullach Beinn Orodik fo bhlàth.

Bho h-àirde mu 1,200 meatar (3,900tr), ceithir timcheall ort, chì thu mìle beinn eile, tonnach, bioramaideach, a' sìneadh gu fàire farsainn.

Coltach ri Orodik, tha coilltean agus feurach a' comhdachadh an cliathaich, 's iad breac leis na ceudan de sheadaichean feòir.

'S e glè bheag feòir a th' anns an fheurach ge-tà. Tha iad làn dìtheannan is luibhean - lus-Marsalaidh, lus Chaluim Chille, earr-thalmhainn, mogairlean-monaidh, cluarain, gleadhran agus iomadh eile - 's e beò le farman bhiastagan beaga.

Chìthear air uairean lorg spòige mhathain. Tha cuideachd madaidhean-allaidh an seo.

Image copyright Teàrlach Quinnell

'S e Mac an Duine ge-tà, a tha a' ceadachadh cruth na tìre seo.

O chionn còig ceud bliadhna, bha an sgìre seo - Gyimes: Ungarais "Baodhannaich" - na fàsaich. Sin gus an tàinig na Csángaich.

Dh'fhàg na daoine seo na coimhearsnachdan Ungaireach Szekler, gus tuathanasan beaga a chumadh dhaibh fhèin ann am beanntan agus gleanntan Gyimes.

Thar nan linntean, chaidh na bha de dhiofar sheòrsaichean lusa san fheurach far am buaineadh iad an cuid feòir Gheamhraidh am meud, agus e an-diugh am measg a' chuid as beartaiche san Roinn Eòrpa, le 60-90 seòrsa lusa ann an sgìre de cheithir meataran ceàrnagach.

Bidh mòran de mhuinntir an àite a' buain luibhean leigheasach san fheurach, agus cha tèid stuth ceimigeach a fhrasadh orra sam bith.

Thèid am feur a bhuain turas sa bhliadhna, gus am feur iomadh-dhaithte a chùmhnadh a chùm a' Gheamhraidh.

Image copyright Teàrlach Quinnell

B' e an obair sin a dh'fhàg gun do dhìrich mi fhèin agus mu fhichead duine eile Orodik san òg-mhadainn Lùnastail le speal agus ràcan rim ghualainn.

Thàinig sinn à Alba, Sasainn, Nirribhidh agus an t-Suain, gus am feur a dhèanamh.

Csángó

Tha am facal Csángó, ann an Ungarais, a' ciallachadh "uidmheal", agus cha b' e beathach an treuda an duine dhan robh sinn ag obair.

'S e tuathanach a th' ann an Sarig Attila, 34, a tha a' cleachdadh dhòighean ùra gus tuathanachas traidiseanta a leantainn, 's e gu daingean airson gun glèidhear an àrainneachd phrìseil a chruthaich a shinnsearan.

"Saoilidh mi gun robh mo shinnsearan, gun do dh'obraich iad co-dhiù 300 bliadhna gus an cruth-tìre seo a chruthachadh, agus am feurach a th' againn a-niste, agus bu thruagh, nam bheachdsa, nan cailleamaid am feurach seo uile," thuirt Attila.

"Ma chuireas sinn ar cùl ris an fheurach, caillidh sinn e.

"Dhomhsa tha an campa feòir seo cudromach airson feuchainn ri beagan den fheurach a ghlèidheadh leis an luchd-turais a thig gar cuideachadh a dhèanamh an fheòir."

Image copyright Teàrlach Quinnell

Tha obair traidiseanta an fhearainn a' dol à bith.

'S ann an Romàinia a tha faisg air ceathramh cuid nan tuathanach san Aonadh Eòrpach air fad, agus tha ro bheag fearainn aig mòran aca airson tarraing air taic subsadaidh.

Tha mòran aca air an cùl a chur ris an fhearann. 'S fhada bho chunnaic gu leòr den fheurach sna beanntan speal, agus an ceann ùine ghoirid, tillidh a' choille, 's caillear a' bhith-iomadachd a thug cho fada a chruthachadh.

Tha feur cudromach chan ann a-mhàin dhan chrodh, ach dhan iomadh each-obrach air a bheil na tuathanaich an seo a' crochadh airson treabhadh is tarraing.

Chan eil Attila na aonar san t-strì seo. Tha e na phàirt de bhuidhinn air a bheil Pogány-Havas, a tha ag amas air dualchas nàdarra, agus a' chuid a rinn Mac an Duine ann an sgìre Gyimes agus Csík a ghlèidheadh beò.

Thar an t-seachd bliadhna mu dheireadh, shàbhail an campa feòir aige, a bhios a' tàladh deugachadh de shaor-thoilich à dùthchannan eile, mu dheich hectare den fheurach thraidiseanta phrìseil seo air an robh a' choille a' dinneadh, gach cuid le bhith a' buain an fheòir air an fhearann a tha ann an deagh òrdugh, agus le bhith a' gearradh 's a' glanadh a-mach chraobhan is phreasan air fearann trèigte.

Rinn Pogány-Havas ceanglaichean le buidhnean glèidhteachais ann am Breatainn agus dùthchannan Eòrpach eile tro shaothair Barbara Knowles, a bhàsaich na bu thràithe den bhliadhna seo, agus a bha ag aithneachadh luach eag-eòlasaich an fheuraich agus na beatha a tha na chois.

"Chan eil e fa-near dhuinn tuathanachas traidiseanta a ghlèidheadh, oir cha tachair sin," thuirt stiùiriche na buidhne, Rodics Gergely.

Image copyright Teàrlach Quinnell

"'S e na tha fa-near dhuinn ach taic a thoirt do thuathanaich bheaga ionadail piseach a thoirt air an obair aca ann an dòigh a leigeas leotha teachd-a-steach airgid ceart a bhith aca, agus aig a' cheart àm gun a bhith a' call cus den deagh bhuaidh a tha tuathanachas traidiseanta ait a bhith a' toirt air an àrainneachd thuige seo.

"Gu dearbha, bhiodh tuathanachas traidiseanta foirfe dha nàdar, ach tha e dìreach a' crìonadh, agus chan urrainn dhuinn stad a chur air sin."

Càise

Bidh Attila a' dèanamh càise. Chan e càise sìmplidh traidiseanta na sgìre seo, ach càise ùr, cruaidh, abaich, le baine bhon chrodh aige a dh'itheas feur beartach nam beann.

Dha Attila, 's ann mu bhlas a tha am feurach cuideachd. Tha e a' feuchainn ri rud a dhèanamh a gheibh deagh phrìs, gus am faigh e beò-shlaint' dhòigheil à obair an fhearainn.

Image copyright Teàrlach Quinnell

Air a' champa, dh'ith sinn an càise seo gach là. Tha e fìor-mhath.

"Chì na tuathanaich gu bheil luach san obair aca, agus san dòigh seo, leanaidh iad orra a' dèanamh an fheòir san fheurach seo air cliathaich nam beann," thuirt Attila.

"Am feurach a th' againn an seo, tha mi cinnteach gur e cuid den fheurach fìor-bheartach mu dheireadh a th' air fhàgail san Roinn Eòrpa, agus 's e seo a tha a' toirt blas dhan bhainne 's dhan chàise again nach fhaighear le bainne à tuathanasan mòra leis na ceudan chruidh nach ith nan saoghal ach 's dòcha deich seòrsaichean feòir. Cha bhi an aon bhlas ann.

"Cha gabh an diofar sin cleas air na tuathanasan mòra oir chan eil am feurach seo againn.

"Cha ghabh am feurach seo cruthachadh gu mì-nàdarra. Feumaidh sin ceud bliadhna.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Spealadh an fheòir ann am beanntan Carpàtianach Romàinia.

"'S e ulaidh mhòr a th' ann a dh'fheumas sinn a ghlèidheadh.

"Anns an fheur seo, a rèir bith-eòlaiche, tha còrr is trì fichead seòrsa de luibh mheidigeach, agus chan ann ach fìor-ainneamh a bhios duilgheadasan slàinte aig a' chrodh. Fìor ainneamh.

"Gu mì-fhortannach saoilidh a' chuid as motha ann an Gyimes gu bheil mi craicte, oir bidh mi a' feuchainn ri bhith nam thuathanach, 's a' cumail a' dol leis na chruthaich mo sheanair.

"Ach cuideachd sa bhaile tha cuid a shaoileas gu bheil mi glic, 's gun fhiach na tha mi a' dèanamh.

"Leigidh mi leis an tìde innse dhan a h-uile duine dè th' anns an dòigh cheart, agus an adhbhar a bhios mi a' dèanamh na nì mi."

Tha pàirt mòr aig turasachd anns an dòigh a thèid Attila mu chuairt obair an fhearainn. Seach a bhith a' cumadh an àite a rèir an luchd-turais ge-tà, 's ann a dh'fheuchas e ris an luchd-turais a chumadh a rèir an àite.

"Bidh mòran dhaoine ag ràdh gu bheil an gleann seo glè mhath airson eag-thurasachd. Ach 's e mo bharaill gum biodh rudeigin nas motha na eag-thurasachd na b' fheàrr dhan ghleann seo," thuirt e.

Image copyright Teàrlach Quinnell

"Gu tric, le eag-thurasachd, dhan luchd-turais, faodaidh iad dìreach coimhead, 's tlachd fhaighinn às an nàdar.

"Ach saoilidh mise gum feum sinn an toirt an sàs dòigh air choireigin gus an cuidich iad leinn ann a bhith a' tighinn beò mar seo.

"'S e obair uabhasach mòr a th' ann a bhith a' dèanamh an fheòir seo sna beanntan, agus an-diugh, le uiread de dh'òigridh a' fàgail a' bhaile, chan eil an luchd-obrach againn air a shon.

"Feumaidh tu luchd-obrach airson seo. Cha leòr innealan leotha fhèin.

"Saoilidh mi gun do rinn an luchd-turais dioba math fhèin am-bliadhna, 's gun robh iad a' spealadh fìor-mhath.

"Tha mi dìreach an dòchas gu bheil iad ag aithneachadh cho uabhasach feumail 's a bha iad dhuinn."

Feumaidh aon bhò sia deug gocan feòir, de mheud a ghabhas slaodadh le aon each, airson biadh a chumail rithe tron Gheamhradh. Rinn sinne 28 gocan, à dà hectare. Tha ceithir mart aig Attila.

Spealadh

'S e uidheam gu math drùidhteach a th' ann an speal. Tha e cho foirfe dhan obair a tha mu coinneimh, 's gun èirich rudeigin coltach ri gaol ann an cridheachan iadsan a bhios ga cleachdadh.

Cha chluinn thu e 's tu a' spealadh, ach bidh speal mhath gheur, air a cleachdadh gu ceart, a' cur a-mach "suais" a tha coltach ri fuaim sinteiseir, a thilgeas e a-mach air beulaibh an spealadair.

Bha Orodik beò leis an fhuaim seo, còmhla ri ròcail mu mhillean fionnan-feòir is greollan, thar an dà là a bha sinn a' buain, sìnte ann an sreathan eagach, fon ghrèin bhruthainnich, a' gabhail sràc an dèidh sràice leis a' bhruthaich.

Image copyright Teàrlach Quinnell

Cha b' aithne don chuid as motha sa bhuidhinn spealadh ro-làimhe. Ach, air an neartachadh le breacaist bheag, le drama de Pálinka air thoiseach air, thog mòran aca a' chùis gu dòigheil, 's thuit am feur 's na flùraichean, gan sguabadh sa bhad na bhabhta fada air taobh clì an spealadair, a' fàgail às-bhuain glan, cha-mhòr cothromach na dèidh, mu dhà mheatar de leathad.

San dòigh seo, le beagan taic bho mhotar-speal bhig a bha Attila fhèin a' cleachdadh, chaidh dà hectare feòir a ghearradh thar an dà là, a chaidh a thionndadh 's a thional le ràcannan fiodha, 's a chur gu cùramach ann an 28 gocain, dà mheatar de dh'àirde.

Gabhaidh na gocain seo, air an togail air geugan a chaidh a ghearradh far chraobhan faisg air làimh, slaodadh gu furasta le aon each chun nan seadaichean feòir, far an tèid an càrnadh gus an toirear a-nuas chun a' bhaile iad air losgainn, air an tarraing le dà each an urra, ann an sneachda domhainn lainnireach a' Gheamhraidh.

Thug sinn dà oidhche sa bheinn, a' cadal ann an leabaidh feòir air ùr-ghearradh san t-seada, 's ar cuid bìdhe air a bhruich ann an coire mòr dubh os cionn teine.

Dh'innis ar n-ostairean Csángó dhuinn, agus ceòl fìdhle a' lìonadh an fhionnaraidh, dar a bha iad òg, gum biodh teineachan rim faicinn air gach bruaich timcheall san oidhche, agus teaghlaichean slàna air na beanntan a dhìreadh a chùm feur a chùmhnadh, 's an cuid oidhcheannan a lìonadh le ceòl, seinn agus dannsadh ann an solas nan lasairean.

Bha na beanntan dorcha air an oidhche agus sinne ann. Ach a-mhàin Orodik.