Gàidhlig is Sgeama 1+2 ann an Earra-Ghàidheal

  • 23 An Lùnasdal 2016
Ionad Gàidhlig Furan

Dhearbh Comhairle Earra Ghàidheal is Bhòid gum bi deich bun-sgoiltean san sgìre a' teagasg na Gàidhlig fo phoileasaidh ùr aig Riaghaltas na h-Alba.

Thuirt BBC Naidheachdan Diluain nach biodh ach trì bun-sgoiltean san sgìre a' teagasg na Gàidhlig fon phoileasaidh leis gun deach am fiosrachadh sin a thoirt dhuinn le oifigear na Comhairle Disathairne.

Fo phoileasaidh 1+2, tha an Riaghaltas ag ràdh gum bu chòir cothrom a bhith aig gach pàiste dàrna cànan ionnsachadh bho Chlas 1, is an treas cànan bho Chlas 5.

Tha iad airson is gum bi am poileasaidh ga chur an sàs air feadh na dùthcha ro 2020.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile