Stiùireadh ùr do chomataidhean ionaltraidh

  • 18 An Lùnasdal 2016
Coimisean na Croitearachd

Thàinig molaidhean ùra bho Choimisean na Croitearachd air mar bu chòir do chomataidhean ionaltraidh dèiligeadh rin cuid ionmhais.

Bha seasamh na buidhne air a' cheist aig cridhe eas-aonta eadar an Coimisean is dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas.

Bha sin às dèidh dhan Choimisean a ràdh gum bu chòir airgead a bhith air a sgaoileadh am measg bhuill nan comataidhean.

Chuir sin an ceòl air feadh na fidhle.

Litir

Chunnaic am BBC litir an t-seachdain seo bho Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gu fear-gairm Choimisean na Croitearachd, Cailean Ceanadach.

San litir, thuirt Mgr Ewing gu bheil seasamh a' Choimisein air airgead nam bailtean gu tur ceàrr, is gun robh e 'son soilleireachadh fhaighinn bhuapa cho luath sa ghabhas.

A' bruidhinn às dèidh coinneimh den Choimisean Diciadain, thuirt fear de na coimiseanairean, Murchadh MacIllinneinn, gu bheil iad uile ag aontachadh ris na bha san litir, a dh'aindeoin is gun robh e gan càineadh.

Tha an Coimisean a-nise a' tighinn air adhart le moladh nach fheum airgead chomataidhean a bhith air a sgaoileadh dha na croitearan sa bhad, ach nach fhàgadh suim mhòr airgid sa bhanca nas motha.

Tha iad a' moladh gun gabhadh plana ionmhais a stèidheachadh aig coinneamh bhliadhnail gach comataidh.

Cunntas

Dh'innseadh am plana dè bu chòir a chosg air obair nam bailtean, is dè bu chòir a chumail air ais ann an cunntas.

Bhiodh suim aontaichte ann cuideachd, is rachadh airgead a sgaoileadh nan rachadh an t-suim sin a ruighinn.

Mhol an Coimisean cuideachd stiùireadh ùr air dè an ìre de sgrùdadh a tha a dhìth air cunntasan gach bhaile, rud a bha na phàirt den eas-aonta ann an Col Uarach ann an Leòdhas.

Thèid na molaidhean seo a-nise a-mach gu co-chomhairle.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile