Sgaoileadh a' bhainn-leathainn "na dhùbhlan"

  • 18 An Lùnasdal 2016
An Costa an Iar

Dh'innis Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gu bheil obair gus bann-leathann fìor luath a sgaoileadh gu sgirean iomallach a' tighinn air adhart, ach gu bheil dùbhlan ann a leudachadh dhan a h-uile duine.

Chuir Riaghaltas na h-Alba romhpa gum faigh a h-uile duine ann an Alba bann-leathann aig àrd ìre ann an 2020.

Chaidh BT fhastadh air cùmhnant £412m gus am pròiseict a chur an sàs.

Tha aithisg ùr bho Bhuidheann Sgrùdaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil cothrom a-nise aig còrr is 85% de thaighean ann an Alba air bann-leathann fìor luath.

Tha dùil cuideachd gun ruig an ìre sin 95% ro dheireadh 2017.

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gun deach an obair thuige seo a dhèanamh ann an sgìrean far an robh e nas fhasa bann-leathann a leudachadh.

Dùbhlan

Bidh dùbhlan ann an fheadhainn a tha air fhàgail a ruighinn, thuirt iad.

Bidh feum air dòighean "nas adhartaiche is nas cosgaile", thuirt iad, gus an t-seirbheis a leudachadh gu sgìrean iomallach air fad.

Tha an aithisg a' sealltainn nach robh bann-leathann fìor luath ach aig 38% de thaighean anns na h-Eileanan an Iar sa Mhàrt am-bliadhna.

Tha sin pìos math nas ìosaile na targaid na h-ath-bhliadhna de 70%.

Tha targaid nan Eilean Siar fhèin nas ìosaile na comhairlean eile far a bheil targaid de 75% ann.

Anns a' Ghàidhealtachd bha bann-leathann fìor luath aig 72% sa Mhàrt am-bliadhna.

Thuirt Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba gum feum an Riaghaltas sùil gheur a chumail air adhartas agus cosgais na pròiseict airson dèanamh cinnteach gun tig na buannachdan seo dhan a h-uile coimhearsnachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile