Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

17 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Obraichean

Thuit àireamh a' chion chosnaidh air feadh na Rìoghachd Aonaichte mu 52,000 eadar an Giblean agus an Og-Mhios gu 1.64 millean. Bha Banca Shasainn dhen bheachd gum biodh an àireamh sin ag èirigh le buaidh na bhòt 'son falbh às an Aonadh Eòrpach. Bha an àireamh gun obair ann an Alba sìos cuideachd, mu 26,000, gu 143,000.

Drugaichean

Tha bàs co-cheangailte ri drugaichean aig an ìre as motha riamh ann an Alba. Bha 706 bàs ann an-uiridh le mì-chleachdadh dhrugaichean - suas 15% air an àireamh a bh' ann ann an 2014.

Croitearachd

Thug Riaghaltas na h-Alba rabhadh do fhear-gairm Choimisean na Croitearachd nach eil iad ag aontachadh idir ris an dòigh anns an do dhèilig e ri comataidhean ionaltraidh ann an Leòdhas. Chuir Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, litir chruaidh gu Cailean Ceanadach ag ràdh gur dòcha gum feum an Riaghaltas a dhol an sàs sa chùis ma leanas an Coimisean air an aon shlighe.

Gàidhlig an Obar Dheathain

Tha comhairlichean Baile Obar Dheathain a' bhòtadh an-diugh air plana Gàidhlig an ùghdarrais. Tha am plana connspaideach 's cuid de bhuill a' gearain gur e caitheamh airgid a th' ann ann an sgìre aig nach eil dualchas làidir Gàidhlig agus tha cuid dhiubh fìor mi-thoilichte mu phlana 'son soidhnichean dà-chànanach. Ach tha feadhainn a tha taiceal dhan Ghaidhlig ag ràdh gur e cothrom math a th'ann leasachadh a thoirt air a' chànan anns an sgìre.

Sgoiltean

Tha rannsachadh oifigeil a' tòiseachadh an-diugh air na seachd sgoiltean deug a bha dùinte ann an Dùn Èideann le dragh mu shàbhailteachd nan togalaichean. Tha an tè mu dheireadh de na sgoiltean sin a' fosgladh às ùr an-diugh agus a' chlann a' tilleadh an dèidh saor laithean an t-samhraidh.

EU

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, a' cumail coinneimh phoblaich ann an Dùn Èideann an-diugh do dhaoine à dùthchannan eile an Aonaidh Eòrpaich a tha a' fuireach ann an Alba, agus air a bheil dragh mun bhuaidh a bheireadh fàgail an EU orra-san. Bhòt mòr-chuid ann an Alba 'son fuireach anns an EU.

Aiseagan

Tha coltas ann gun tòisich seirbheis aiseig a-rithist eadar Loch Baghasdail agus an t-Òban air a' Gheamhradh. Stad an t-seirbheis sin anns a' Mhàirt nuair a thòisich seòlaidhean seachd latha san t-seachdainn a Mhalaig. Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' moladh do Chòmhdhail Alba gum biodh aiseag a' dol dhan Òban, seach a Mhalaig, dà latha san t-seachdainn.