Clàr-ola
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Adhartas leis an Transocean Winner

16 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha obair a' leantainn air a' chlàr-ola a thàinig air tìr aig Dail Mòr gus am bi e sàbhailte gu leòr a ghluasad gu muir.

Bha coig duine deug ag obair air bòrd a' chlàr Dimàirt, agus tha bàtaichean air a bhith a' cur uidheamachd sìos fon uisge, feuch a bheil obair-càraidh sam bith a dhìth a sin.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris à Càrlabhagh.