Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clàr-ola

Iarraidh iasgairean air taobh siar Leòdhais airgead-dìolaidh 'son na tha iad a' call de chosnadh an dèidh dhan chlàr-ola, an Transocean Winner, a dhol air na creagan aig Tràigh Dhàil Mhòir bho chionn còrr 's seachdainn. Tha casg air sgìre trì cheud meatair mun cuairt air a' chlàr agus tha feadhainn a tha an sàs ann an turasachd ag ràdh gu bheil iad fhèin a' fulaing. Bidh Transocean agus an t-oifigeach a tha os cionn na h-obrach sàbhalaidh a' coinneachadh ri muinntir na coimhearsnachd Diardaoin.

Faraidhean rèile

Thèid prìs a' mhòr-chuid dhen na faraidhean rèile suas 1.9% an ath-bhliadhna. Tha an t-àrdachadh stèidhichte air àrdachadh 1.9% san atmhorachd san Iuchair a rèir clàir na reic, an RPI, a chaidh suas bho 1.6% 'san Og Mhios. Bha clàr na ceannach, an CPI, suas bho 0.5% gu 0.6%. Tha na h-aonaidhean-ciùird a' togail fianais aig stèiseanan rèile air feadh Bhreatainn an-diugh agus rannsachadh ùr ag ràdh gu bheil faraidhean rèile air dùblachadh, an comas ri àrdachadh tuarsasdal, bho 2010. Agus dh'èirich luach an not an-diugh cuideachd mu choinneimh an Euro agus an dolair leis gu robh àrdachadh na h-atmhorachd nas motha na bha dùil.

Trump

Tha Dòmhnall Trump air a bhith ag innse mu phlana 'son smachd a chuir air ceannairc radigeach Islamach. Thuirt e gum biodh esan mar cheann-suidhe ag amas air cuir às do bhuidheann na Stàit Islamaich gu lèir agus gum biodh riaghailtean gu math nas cruaidhe ann air in-imreachas dhan na Stàitean Aonaichte.

EU

Bidh am Ball Pàrlamaid Làbarach, Gisela Stiùbhairt, a bha gu mòr an sàs san iomairt 'son Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach, os cionn pròiseact rannsachaidh a' coimhead air dìon chòirichean shaoranach an EU an dèidh Brexit. Thuirt ise nach eil e ceart a bhith fàgail dhaoine à dùthchannan eile an EU, a tha a' fuireach ann am Breatainn, gun fhios dè an suidheachadh anns am faodadh iad a bhith. Thèid toradh an rannsachaidh fhoillseachadh as t-fhoghar.

Aiseagan Ìle

Bidh coinneamh ann an Ìle a dheasbad seirbheisean aiseig an eilein an dèidh còrr 's ceala-deug de throimhe-chèile leis gu robh an Hebridean Isles air falbh ga càradh. Cha robh ach aon bhàta air an t-seirbheis, an Finlaggan, agus cha robh pàirt de deic nan càraichean aice ag obair. Thuirt fear de bhuill na sgìre ann am Pàrlamaid na h-Alba, Mìcheal Ruiseal gu bheil e fhèin agus Comataidh Aiseig Comhairle Choimhearsnachd Ìle a' cur romhpa a' choinneamh a' chumail anns an Dàmhair le fiachadh do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn, Riaghaltas na h-Alba agus Còmhdhail Alba.

Fèill na Luirge

Tha an fhèill uan 's motha aon là sa Roinn Eòrpa ann an-diugh sa Luirg ann an Cataibh far an tèid còrr 's naoi deug mile uan a reic. Tha fèil na Luirge a' toirt tomhais do thuathanaich agus croitearan air cò ris a bhios prìsean coltach am bliadhna ged a bha iad suas, eadar trì agus ceithir not, aig a chiad fhèill mhòr ann an Inbhir Pheofharain an t-seachdainn seo chaidh.