Iasgach-dealain fon phrosbaig

  • 16 An Lùnasdal 2016

Tòisichidh Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle air iasgach-dealain.

Tha an dòigh seo airson muasgain fhaighinn air a chasg an-dràsta leis an Aonadh Eòrpach, ach thuirt rannsachadh le Buidheann Mara na h-Alba ann an 2014 gu bheil iasgach le dealan a' toirt glè bheag de bhuaidh air grunnd na mara.

Gu dearbha, bha an aithisg ag ràdh gun robh dòighean iasgaich traidiseanta nas milltiche agus tha iasgairean ag iarraidh air an riaghaltas tagradh a dhèanamh dhan Roinn Eòrpa airson iasgach-dealain a cheadachadh far chostaichean na h-Alba.

Fhuair Nirribhidh agus a' Bheilg cead airson iasgach-dealain roimhe.

Tha iasgach-dealain connspaideach ge-tà.

Thuirt na còcairean Anndra Fairlie agus Tom Kitchin ann an litir a chaidh fhoillseachadh bho chionn trì bliadhna gun urrainn dha iasgairean a tha a' cleachdadh dealain tòrr chreutairean - a bharrachd air muasgain - a mharbhadh mur a h-eil iad garbh faiceallach.

Thuirt Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais: "Tha sinne air sealltainn dè an dòigh riaghlaidh a bhiodh sinne ag iarraidh anns na h-eileanan.

"Bha sinn a' coimhead ri casg air an deireadh-sheachdain, agus gum bi casg bho 1800 gus nach bi cunnart sam bith ann air feadh na h-oidhche."