Am Baile Ùr troimhe

  • 14 An Lùnasdal 2016
Iomain

Tha Baile Ùr an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Ceann Loch Seile 2-1 aig Pàirc a' Bhucht.

Bha Ceann Loch Seile ag amas air àite sa chuairt dheireannaich 'son a' chiad uair is thòisich iad gu math.

Bha grèim làidir aca air meadhan na pàirce tràth sa gheama is iomagain am measg chluicheadairean a' Bhaile Ùir.

Bha coltas car sgìth, aosda fiù 's, air cuid de laoich a' Bhaile Ùir.

Bidh aithreachas air Ceann Loch Seile nach do chruthaich iad cus chothroman nuair a bha làmh an uachdair aca.

Eòlas

Tha eòlas gu leòr aig a' Bhaile Ùr, is fhuair iad dòigh air faighinn a-steach dhan gheama.

Chaidh iad air thoiseach às dèidh 39 mionaidean, Glenn Mac an Tòisich air fhàgail ann am pàilteas rùm is dhrill e am ball seachad air Scott Ceannadach.

Bha an darna leth an ìre mhath teann, ach bha coltas ann gun robh an gnothach seachad nuair a chuir Neil Stiùbhart an darna tadhal dhan Bhaile Ùr ann an 69 mionaidean.

Chum Ceann Loch Seile a' dol ge-tà, is thug Cè MacRath dòchas dhaibh às dèidh 78 mionaidean, a' cur a' bhuill dhan lìon às dèidh slaic-saor.

Èiginn

Thàinig iad an uairsin glè fhaisg air a' gheama a shàbhaladh anns na dìogan mu dheireadh, Baile Ùr an t-Slèibh ann an èiginn oidhirp bho Fhionnlagh MacRath fhaighinn air falbh.

Rinn iad a' chùis air sin is an geama a' crìochnachadh 2-1 dhan Bhaile Ùr.

Bidh iadsan a-nise sa chuairt dheireannaich an aghaidh Camanachd an Òbain no Loch Abar.

B' e theab is nach do theab a bh' ann dha Ceann Loch Seile, ach bidh iad misneachail gun urrainn dhaibh Cupa MhicAmhlaidh a thogail an aghaidh Inbhir Aora an ath-mhìos ma chluicheas iad san aon dòigh.

Buille

Sa Phrìomh Lìog bha droch là aig na Sgitheanaich, tadhal anmoch bho Ben Delaney ann am Port Rìgh a' dèanamh a' ghnothaich 2-1 dha Loch Abar.

Bha naidheachd nas fheàrr ann dha na Sgitheanaich Didòmhnaich, sgioba nam ban a' buannachadh Lìog Nàiseanta 1 às dèidh dhaibh Obar Dobhair a phronnadh 9-0.

Thàinig na tadhail bho Lorna NicRath (4), Jenna Pheutan (3) is Caitlin NicIlleathain is Ilana Paterson.

'S e seo a' chiad turas a tha nigheanan an eilein air an lìog a bhuannachadh.

Tha an sgioba a-nise ag amas air Cupa Valerie Fhriseil is iad sa chuairt dheireannaich an aghaidh Loch Abair aig deireadh na mìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile