Seann taigh-bìdh air a mhilleadh

  • 12 An Lùnasdal 2016
An Lady Ross Image copyright Donald Bain / Geograph

Rinn teine sgrios air seann taigh-bìdh ainmeil ann an Àird Ghaoithe.

Bha àm ann a bha an Lady Ross glè thrang.

Dhùin an taigh-bìdh às dèidh teine eile ann an 2006, is bha an togalach falamh bhon uairsin.

Chaidh fios a chur air luchd-smàlaidh goirid ro 11 oidhche Dhiardaoin gun robh an togalach na theine.

Chaidh ceithir sgiobaidhean smàlaidh dhan làraich.

Fhuair iad smachd air an teine ach chaidh mullach an togalaich a mhilleadh.

Bha plana ann mar thà an togalach a leagail air thoiseach air leasachadh coimhearsnachd nas fhaide air adhart air a' bhliadhna.

Fhuair Urras Leasachaidh a' Chaoil Chataibh £500,000 airson an làrach a leasachadh.