Binn do fhear a bhagair taigh-òsta a losgadh gu làr

  • 11 An Lùnasdal 2016

Chaidh fear as an Eilean Dubh a bha a' bagairt taigh-òsta a theaghlaich a losgadh gu làr, a chuir dhan phrìosan.

Chaidh binn sia miosan a thoirt do dh'Anndra McHattie, 37 bliadhna a dh'aois.

Dh'adhbhraich e sèisd le na buidhnean-èiginn a mhair seachd uairean a thìde an dèidh dha fhèin a ghlasadh ann an lobht Taigh-òsda Tharradail sa Bhlàr Dubh.

Dh'aidich e gu robh e ciontach air grunn chasaidean, nam measg a bhith a' feuchainn air oifigear poilis le òrd.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis gu robh McHattie, à Poll Lochaidh, buailteach a bhith a' fulang le tinneas-inntinn.