Barrachd a' tadhal air taighean-staile

  • 10 An Lùnasdal 2016
Botail Image copyright Comann Uisge Beatha na h-Alba

Dh'innis Comann Uisge Beatha na h-Alba gu bheil barrachd dhaoine a' tadhal air taighean-staile na dùthcha.

Thuirt a' bhuidheann gun tàinig 1.6m duine dha taighean-staile ann an 2015, an ìre as motha riamh.

Bha an àireamh suas 7% an taca ri 2014, agus suas 20% air 2010.

Chosg an luchd-tadhail ann an 2015 mu £50m.

'S ann às an Rìoghachd Aonaichte, a' Ghearmailt, na Stàitean Aonaichte is an Fhraing a bha a' chuid as motha den luchd-tadhail.

Tha 118 taighean staile ann an Alba, is tha cha mhòr an darna leth dhuibh fosgailte dhan mhòr-shluagh.