Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh binn beatha sa phrìosan air fear a dh'aidich gun do mhort e fear bùtha ann an Glaschu oir gu robh e dhen bheachd gun do rinn e dìmeas air Islam. Thug Tanveer Ahmed, a tha dà bhliadhna dheug thar fhichead a dh'aois, agus bhoineas do Bradford, ionnsaigh le sgian air Asad Shah air taobh a-muigh na bùtha ann an Shawlands anns a' Mhàirt am bliadhna. Chaidh innse do dh'Ahmed gum bidh e seachd bliadhna fichead 'sa phriosan air a' char 's giorra.

Bancaichean

Thuirt Ùgdarras na Farpais agus Margaidh gun toir na tha iad a' moladh atharrachadh mòr air seirbhisean banca. Thuirt an t-ùghdarras nach eil farpais cheart eadar na ceithir bancaichean mòra agus gu bheil luchd-cleachdaidh a' pàigheadh cus. Tha iad ag ràdh gum bu chòir dha bhith nas fhasa gluasad bho bhanca gu banca agus tha iad a' moladh app air fòn-làimhe mar aon dhòigh air smachd a chumail air cunntasan agus cosgaisean banca.

Deuchainnean

Tha seachd fichead mìle oileanach air feadh Alba a' faighinn a-mach an-diugh ciamar a chaidh dhaibh sna deuchainnean sgoile. Tha Ùgharras Teisteanas na h-Alba a' cur mach fios mu dheuchainnean nàiseanta, cèithir agus còig, deuchainnean àrd-ìre agus àrd-ìre adhartach, agus am Baccalaureate ùr Albannach. Tha mòran aca air fios iarraidh tro phost-dealain neo teacsa, seach a' feitheamh ris a' phost.

Dotairean

Chuir Riaghaltas na h-Alba iomairt air bhonn 'son dotairean àbhaisteach fhasdadh mar dhotairean teaghlaich. Tha sanasan a' dol a-mach 'son ceud dreuchd GP ùr le gealltanas air fichead mìle not a bharrachd mar dhuais do fheadhainn a tha deònach a dhol a dh'obair ann an sgìrean iomallach, far am bheil trioblaid a' fasdadh dhotairean teaghlaich.

Ceannairc

Chaidh dithis a chuir an grèim ann an Coventry fo amharas mu cheannairc ann an Syria. Tha na fir, a tha dà bhliadhna dheug thar fhichead a dh'aois agus sia bliadhna fichead a dh'aois, fo chasaid gu robh iad a' cur taic airgid ri ceannairc.

Na Làbaraich

Thuirt am Pàrtaidh Làbarach gum bidh tagradh ann an aghaidh co-dhùnadh na h-Àrd Chùirte gum bi bhòt aig ballrachd ùr anns an taghadh eadar Jeremy Corbyn agus Owen Mac a' Ghobhainn 'son ceannas a' phàrtaidh. Thuirt Àrd-chomataidh Nàiseanta nan Làbarach nach biodh cead bhòtaidh ach aig feadhainn a thug ballrachd a-mach ron dàrna latha deug den Fhaoilleach am bliadhna, ach chaidh an Àrd-chùirt an aghaidh sin.

Hebridean Isles

Tha a Hebridean Isles a' tilleadh gu seirbheis aiseig Ìle an-diugh an dèidh a bhith 'san doc airson obair-càraidh bho chionn cola-deug. Dh'fhàg sin atharrachadh air seirbisean eadar Ìle agus tìr mòr agus dh'iarr Caledonian Mac a' Bhruthainn air luchd-siubhail an leth-sgeul a ghabhail 'son sin. Ged a tha a Hebridean Isles a' tilleadh feasgar leanaidh an clàr-ama eadar-amail air seirbheisean Ìle agus Colbhasaigh an t-seachdainn seo.

Spòrs

Spòrs agus aig na h-Oilimpics ann an Rio tha Andaidh Moireach a' cluich an-diugh san dàrna cuairt de dh'fharpais an tennis an aghaidh Juan Monaco às Argentina.

Ball-coise agus ghluais Paul Pogba air ais gu Manchester United air an t-suim airgid 's motha riamh ann am ball-coise, ceithir fichead 's naoi millean not. Tha Pogba a' tilleadh gu Old Trafford ceithir bliadhna an deidh dha gluasad gu Juventus air millean gu leth not.

Agus tha còig geamachan 'san dàrna cuairt ann an Cupa Lìog na h-Alba a-nochd.