"Cion-earbsa" ann an Coimisean na Croitearachd

  • 4 An Lùnasdal 2016
Croitean

Nochd còrr is 80 duine aig coinneimh a ghairm Caidreachas Croitearachd na h-Alba an talla-bhaile Steòrnabhaigh oidhche Chiadain, airson beachdachadh air buaidh a' bhuairidh eadar Coimisean na Croitearachd agus comataidhean ionaltraidh.

Chuir a' choinneamh bhòta neo-earbsa sa Choimisean, agus dh'aontaich iad taic a chur ri iarrtas a' Chaidreachais gum feumadh Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, a dhreuchd fhàgail.

Cha robh riochdachadh oifigeil aig a' Choimisean aig a' choinneimh.

"Tha na thionndaidh a-mach a-nochd a' sealltainn na h-ùidhe a th' ann an croitearachd, agus cho iomagaineach 's a tha daoine mun t-suidheachadh a th' ann an-dràsta mar a tha sinne ga thuigsinn," thuirt Iain MacÌomhair, a tha e fhèin na chlarc baile.

An t-Aonadh Eòrpach

"Tha e furasta fhaicinn gu bheil daoine gu math diombach mu mar a chaidh dèiligeadh ri feadhainn de na bailtean.

"Tha iad ag iarraidh gun tèid coimhead ri dè mar a tha an Coimisean ag obair, agu dè mar a tha an lagh ag obair, agus gu bheil leasachadh ri dhèanamh anns gach àite airson croitearachd a chur ann an seasamh nas fheàrr.

"Tha bhòt a' chion-earbsa a' sealltainn nam faireachdainnean a th' ann, ach aig deireadh an là tha e an-àirde ris an Riaghaltas dè tha iad a' dol a dhèanamh.

"Tha mi a' smaoineachadh, an rud a bha a' cur dragh air tòrr, 's e gum biodh leisg air daoine a dhol air adhart ann an dreuchdan mar chlarc baile, agus cuideachd a dhol air a' Choimisean fhèin mar a tha an suidheachadh an-dràsta.

"Ach bidh sinn an dòchas anns na mìosan a tha romhainn gum faigh daoine misneachd agus stiùireadh ceart gus am faic sinn croitearachd a' neartachadh, an àite lagachadh, agus gum bi an Riaghaltas a' dèanamh an dìcheall gur e sin a thachras, agus nach ann ga cur às a cèile a bhios iad mar a bha eagal air daoine. 'S e sin a bha a' tighinn tarsainn a-nochd," thuirt e.

Chaidh togail aig a' choinneimh cuideachd air a' bhuaidh a bheir Breatainn a bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich air croitearachd, le dragh air mòran mun mhì-chinnt a th' ann.

"'S e suidheachadh mì-chinnteach a th' ann. Bha e gu math inntinneach a chluinntinn na mì-chinnt a' nochdadh à diofar sgìrean cuideachd, 's diofar sheòrsaichean de chuspairean co-cheangailte ris na subsadaidhean," thuirt Dòmhnall MacSuain, a tha na chroitear ann an Nis agus a bha an làthair aig a' choinneimh.

"Tha mì-chinnt ann co-cheangailte ris an taic bhon Riaghaltas a thaobh ghrantaichean airson taighean, 's cuideachd grantaichean airson rudan eile mar feansaichean, 's rudan mar sin.

"A bharrachd air a' mhì-chinnt a th' ann co-cheangailte ris a' Choimisean, tha mì-chinnt ann às cò às a tha an t-airgead a' dol a thighinn.

"Agus faireachdainn gu math làidir aig na bha an làthair aig a' choinneimh a-nochd mu dheidhinn na taice a tha croitearachd a' faighinn bhon Riaghaltas, agus 's dòcha gu bheil cus taice ga cur ri tuathanaich, agus nach eil gu leòr ga cur ri croitearchd gus na sgìrean iomallach a dh'fheumas an taic," thuirt e.