Rùdan
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Taic dha croitearan aig Fèill Chàrlabhaigh

3 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bu chòir dha a bhith nas fhasa do chroitearan barrachd taic-airgid fhaighinn airson stoc agus talamh a mhathachadh.

Sin beachd Jamie MhicGriogair - a bha ùine mhòr na bhall-pàrlamaid ann an Holyrood - agus e a' fosgladh Fèill Àiteachais Chàrlabhaigh Diciadain.

A' bruidhinn air a' chòmhstri eadar Comisean na Croitearachd agus dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas, thuirt Mgr MacGriogair gum bu chòir dha na h-ùghdarrasan leigeil le croitearan a bhith a' dèiligeadh ri na gnothaichean aca fhèin.

Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.