Leanaidh strì MG ALBA

  • 3 An Lùnasdal 2016
BBC ALBA
Image caption Chaidh taic a chur ri iarrtas MG ALBA gun toireadh am BBC seachad 10 uairean de thìde de phrògraman ùra gach seachdain.

Thuirt Cathraiche MG ALBA, Magaidh Choineagan, gun cùm iad orra a' feuchainn ri toirt air a' BhBC tuilleadh phrògraman a dhèanamh do BhBC ALBA.

Ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh Dimàirt chuir Comataidh Thaghte a' Chultair, nam Meadhanan agus Spòrs taic ri iarrtas MG ALBA gun toireadh am BBC seachad deich uairean de thìde de phrògraman ùra gach seachdain airson BBC ALBA - mar a thathas a' dèanamh mar thà dhan t-sianal Chuimreach S4C.

'S e 4.2 uairean de thìde a tha am BBC a' toirt seachad gach seachdain an-dràsta.

Tha a' chomataidh cuideachd a' cur taic ris a' bheachd gum bu chòir co-dhiù trì uairean de thìde de phrògraman ùra - a' gabhail a-steach naidheachdan - a bhith air a chraoladh air BBC ALBA gach là.

Ath-chraolaidhean

Thuirt Magaidh Choineagan gu bheil prògraman ùra a dhìth ma tha an sianal a' dol a shoirbheachadh.

"Daoine ris a bheil mi a' bruidhinn - agus mi fhèin - tha e gu math dòrainneach a dhol gu BBC ALBA an-diugh agus prògram fhaicinn a chunnaic thu 's dòcha còig, sia, seachd tursan agus chan eil teagamh sam bith nach eil sinn a' tòiseachadh a' faicinn nan àireamhan a tha a' cleachdadh an t-sianail a' dol sìos beag thar bheag."

"Tha e deatamach gu bheil tuilleadh phrògraman ùra ann".

Thuirt i gun robh i gu math toilichte mun bheachd a dh'fhoillsich a' chomataidh, ach gur e na nì am BBC fhèin a tha cudromach.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud a tha cudromach gun gabh am BBC ris an seo agus cuideachd gun toir seo buaidh air an Riaghaltas agus gu sònraichte air Rùnaire ùr a' Chultair ann a bhith a' dèiligeadh ris a' BhBC airson dèanamh cinnteach gun tèid seo an cois na Cairt Rìoghail nuair a thig a h-uile càil ri chèile aig deireadh na bliadhna".

Tha am BBC ag ràdh gun tèid tuilleadh fiosrachaidh mu na planaichean aca air feadh na Rìoghachd Aonaichte san àm ti teachd fhoillseachadh anns na mìosan a tha romhainn agus gun dearbh iad an uair sin càite às urrainn dhaibh an tuilleadh airgid a chosg.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile