Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An teaghlach Brain

Thèid teaghlach Astràilianach, a tha a' fuireach ann an Inbhir Pheofharan, an cuir a mach às an dùthaich, mura faigh iad tairgse air cosnadh ro dheireadh an latha an-diugh. Thàinig Kathryn Brain, an duine aice Gregg, agus am mac Lachlann a tha seachd bliadhna a dh'aois a dh'Alba bho chionn còig bliadhna air bhìosa oileanach ach tha atharrachadh sna riaghailtean bhon uair si a' ciallachadh nach urrainn dhaibh fuireach mura bi cosnadh seasmhach aca.

Hinkley Point

Tha buidheann naidheachd na stàit ann an Sìona ag ràdh gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur an cairdeis ri Beijing ann an cunnart leis an dàil ann a bhith a' togail stèisean nuicleasach Hinkley Point ann an Somerset. Tha seann Rùnaire a' Ghnothachais Vince Cable a-measg na tha den bheachd gu bheil dragh air a' Phrìomh Mhinistear, Theresa May, mun airgead a tha Sìona am beachd a chuir an sàs sa phròiseact.

Urraman

Dh'iarr na pàrtaidhean dùbhlain ann an Westminster atharrachadh mòr air siostam nan urraman an dèidh do dh'fhiosrachadh tighinn am follais mun liosta a mhol Dàibhidh Camhshron mus do dh'fhàg e a dhreuchd mar phrìomh mhinistear. Tha dithis a thug taic-airgid dhan na Tòraidhean agus a chuir an taic ri fuireach 'san Aonadh Eòrpach air an liosta, ceathrar de bhuill caibeanat agus còrr 's fichead luchd obrach aig Sràid Downing. Tha na dùbhlanaich a' fàgail air Mhgr Camshron nach eil e a' toirt urram ach do dh'fheadhainn a tha faisg air fhèin.

UKIP

Tha Steven Woolfe, an duine as coltaiche àite Nigel Farage a ghabhail mar cheannard air UKIP, ag ràdh gu bheil làn chead aige seasamh anns an taghadh ged a tha UKIP ag ràdh nach tug e dhaibh na pàipearan 'son seasamh ann an àm. Tha Mgr Woolfe, a tha na bhall-pàrlamaid Eòrpach agus na fhear-labhairt air in-imreachd do UKIP, fo chasaid cuideachd gun do leig a e bhallrachd anns a' phartaidh bhuaithe son còrr 's bliadhna.

Obraichean

Tha companaidh ghiollachd èisg ann an Obar Dheathain, Nolan Seafoods, ag ràdh gum faodadh dà fhichead duine an cosnadh a chall aca le atharrachadh air cruth na buidhne. Thuirt a' chompanaidh gu bheil an gnìomhachas cugallach an-dràsda, 's gu h-àraidh margaidh a' bhradain agus an èisg ghil. Tha dà cheud agus seachd duine deug ag obair aig Nolan Seafoods.

Geòidh

Tha an sgeama bliadhnail 'son smachd a chuir air na geòidh ann an Leòdhas agus anns na Hearadh a' tòiseachadh an-diugh. Seo an treas bliadhna den sgeama-spadaidh, a chuir Dualchas Nàdair na h-Alba air bhonn, leis an dragh a tha croitearan mun mhilleadh a tha na geòidh a' dèanamh air an fhearann.