Cupa an t-Sutharlanaich dhan Bhaile Ùr

  • 31 An t-Iuchar 2016
Caman

Chum Baile Ùr an t-Slèibh grèim air Cupa an t-Sutharlanaich às dèidh pronnadh a thoirt air na nàbaidhean aca bho Cheann a' Ghiuthsaich.

Bha Ceann a' Ghiuthsaich aig an taigh agus 's e glè bheag feum a rinn sin dhaibh, is am Baile Ùr 3-0 air thoiseach aig leathach-slighe.

Chuir iad trì eile san darna eile - Conner Jones le trì e fhèin sa gheama - is an geama a' crìochnachadh 6-0.

Sa Phrìomh Lìog thug Caol Bhòid droinneadh 7-0 air Lòbhat.

Freagairt

B' e freagairt làidir a bha seo bho sgioba Thaigh na Bruaich às dèidh dhaibh a dhol a-mach à dà chupa sa chola-deug a chaidh.

Thill na Sgitheanaich às an Òban le puing eile.

Bha iad air thoiseach dà thuras le tadhail bho Iain MacNeacail is Jordan Murchison, ach b' e 2-2 a bh' ann air a' cheann thall.

Ghluais Gleann Urchadain nas fhaide air falbh bho na h-eileanaich nuair a rinn iadsan an gnothach air a' Ghearasdan 2-1.

Lìog Nàiseanta

San Lìog Nàiseanta bha fìor dheagh là aig Cill Mhàillidh, a rinn an gnothach 6-2 sa Mhanachainn, is Meadhan Earra-Ghàidheal, a shoirbhich 3-2 ann an Inbhir Aora.

Tha an dà sgioba sin a-nise ann an suidheachadh làidir 'son a dhol suas.

Bha na Leòdhasaich co-ionnan 1-1 ri Gleann Garadh tràth san dàrna leth ach bha sgioba a' Ghlinne ro làidir air a' cheann thall is an geama a' crìochnachadh 4-1.

Ann an Indreabhán sa Ghaillimh rinn na h-Èireannaich a' chùis air fireannaich agus boireannaich na h-Alba ann an Iomain Cholm Chille.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile