An MoD air "an geallaidhean a bhriseadh"

  • 28 An t-Iuchar 2016
An Lighe Ratharsaireach Image copyright Nigel Brown/Geograph
Image caption Thuirt an MoD gum mair an casg-iasgaich mun cuairt air Rònaigh chun na h-ath-bhliadhna.

Chaidh cur às leth Ministearalachd an Dìon gu bheil iad air an geallaidhean a bhriseadh, a thaobh raointean-iasgaich a bhàthas a' cleachdadh 'son deuchainnean bàta-aigeann far Eilein Rònaigh.

Tha am ball-pàrlamaid airson sgìre Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair aig Westminster, Iain Blackford, ag ràdh gun robh dùil aig iasgairean gun deadh na h-uisgeachan mun cuairt air Eilean Rònaigh fhosgladh dhaibh a-rithist, nuair a dheadh sgìre eile, na bu mhotha, san Lighe Ratharsairich a dhùnadh 'son deuchainnean bàt'-aigeann air a' mhìos seo chaidh.

Chuir Mgr Blackford às leth an MoD gun do bhris iad an geallaidhean, is gun robh iasgairean airidh air airgead dìolaidh.

Thuirt an MoD gum mair an casg-iasgaich mun cuairt air Rònaigh chun na h-ath-bhliadhna fhad 's a thèid an raon ùr san Lighe Ratharsairich ullachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo