Màiri Bremner
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Strì cheart a dhìth 'son Raon Rocaid Uibhist

27 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha tè a bha iomadh bliadhna na comhairliche ag ràdh gu feumar strì cheart a dhèanamh 'son obraichean aig raon-rocaid Uibhist a shàbhaladh.

Tha seo a' tighinn às dèidh dha nochdadh gun do dh'innis Qinetiq, a tha a' ruith raon nan rocaid, gun tèid cosnaidhean a ghearradh.

Thuirt Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNèill gun do sgrìobh esan gu Ministrealachd an Dìon mun chùis.

Ach tha Màiri Bremner, a bha na comhairliche ann an Uibhist, ag ràdh gu bheil mòran a bharrachd air sin a dhìth.