Gun charaid, gun chrùn?

  • 26 An t-Iuchar 2016

Their an seann fhacal gura b'fheàrr caraid anns a' chùirt na crùin anns an sporan.

Feumaidh gur e an rud as miosa a bhith as aonais an dà rud.

Is ann mar sin a tha cùisean a' coimhead do Jeremy Corbyn agus fear-maoineachaidh a' phàrtaidh aige a' togail dùbhlain laghail na aghaidh.

Is e a' bheachd a tha aig Michael Forster - a bha roimhe na thagraiche Làbarach - nach bu chòir do Mhgr Corbyn a bhith air a' phàipear-bhaileat airson ceannas a' phàrtaidh gun taic bho luchd nam pàrlamaid.

A rèir riaghailtean a' phàrtaidh, feumaidh gach "dùbhlanach" airson a' cheannais taic fhaighin bho 20% de bhuill aig Westminster agus Strasbourg, ach fhuair a' bhuidhean riaghlaidh nach robh Mgr Corbyn na "dhùbhlanach".

Chaidh Mgr Foster don chùirt agus e a' creidsinn gun robh sin ceàrr.

Taic

As bith cò tha ceart, is lèir gun deach rudeigin fada ceàrr mas e breitheamh a chuireas roimhe cò a stiùireas pàrtaidh poileataigeach sam bith.

Fiù 's ma thèid a' chùirt leis an NEC, is coltach nach robh dùil aig an fheadhainn a sgrìobh na riaghailtean sin gun èiricheadh ceannard aig an robh taic mhòr bho bhallrachd a' phàrtaidh ach cha mhòr gun taic ann an Taigh nan Cumantan.

Ach is e sin an suidheachadh - an staing - anns a bheil iad an-dràsta.

A dh'aindeoin bhòt cion-earbsa leis a' bhuidhinn anns a' phàrlamaid, a dh'aindeoin oidhirp na sgiopa aige fhèin cur às dha, tha Mgr Corbyn ann.

Is dòcha gun can a' chùirt nach urrainn dha cumail a' dol.

Ach as aonais breith na cùirte, tha a h-uile coltas gum bi e ann fhathast aig deireadh na Sultaine.

Feallsanachd

Ged a b' i Angela Eagal a chuir an dùbhlan mu choinneimh Mhgr Corbyn anns a' chiad dol a-mach, is e Owen Smith an aon tagraiche a sheasas na aghaidh.

(Às dèidh do na Tòraidhean an dàrna prìomhaire boireann a thoirt gu Àireamh a Deich, bidh aig na Làbaraich ri feitheamh nas fhaide mus faigh boireannach grèim air an stiùir).

Tha fios aig Mgr Smith nach bi e furasta toirt air ballrachd a' phàrtaidh a beachd atharrachadh gun ach bliadhna o chuir iad taic mhòr ri Mgr Corbyn, an aghaidh comhairle nam ball-pàrlamaid aca.

Mar sin, seach ionnsaigh a thoirt air feallsanachd Mhgr Corbyn, tha Mgr Smith air aire a chumail air na coimeasan aige.

Cumaidh e a-mach gur e fear na làimhe clì a tha ann cuideachd, sòisealach a tha ceart cho radaigeach ri Mgr Corbyn, ach leis a' choimeas an fheallsanachd sin a chur an gnìomh.

Tha sin ciallach - chan fhaigh Mgr Smith taing bhon fheadhainn a dh'fheumas taic a chur ris mas e brìgh na chanas e gun robh iad gòrach Mgr Corbyn a thaghadh anns a' chiad dol a-mach.

Magadh

Chuireadh an gath a bu phianaile ann an Jeremy Cobyn le Theresa May nuair a thuirt am prìomhaire, le barrachd magaidh na molaidh, gun robh i an dòchas gum maireadh e fada na dhreuchd.

Tha a' chuid as motha de dhaoine anns an Cumantan - Làbaraich agus Tòraidhean - a' creidsinn nach urrainn dha taghadh a bhuannachadh na h-aghaidh, rud a dh' fhaodadh a bhith air fàire nas tràithe na bha dùil.

Ged a dh'fheumadh dèiligeadh ri Achd nam Pàrlamaid Teirm-shuidhichte, feumaidh gu bheil taghadh coitcheann na bhuaireadh mòr do Theresa May agus na cunntasan-bheachd ga cur fada air thoiseach.

Bha cuid de shòisealaich - leithid Ralph Miliband (athair Dhàibhidh agus Ed) - a-riamh den bheachd nach dèanadh taghaidhean pàrlamaid diofar sam bith.

Bheir an taghadh ceannais seo cothrom a thoirt do Mhgr Corbyn gu bheil plana aice gus an fheallsanachd aige a chur an gnìomh, anns a' Phàrlamaid, no taobh a-muigh.

An uair sin, cuiridh ballrachd nan Làbarach roimhpe cò dha a bheir iad an crùn.