Taic 'son càball dealain ga moladh

  • 25 An t-Iuchar 2016
Crann gaoithe

Mhol Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Westminster dhan Riaghaltas taic a chur ri càball dealain eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr, ag ràdh gu bheil e deatamach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh ann.

Thàinig seo agus a' chomataidh a' foillseachadh aithisg mu chumhachd ath-nuadhachail ann an Alba agus na poileasaidhean a tha a' buntainn ris.

Chàin an aithisg dol a-mach Riaghaltas Westminster ag ràdh gu bheil na poileasaidhean aca a' cur fàs na roinne ann an cunnart.

Thuirt a' chomataidh gu bheil gearradh subsadaidh agus poileasaidhean riaghaltais eile air cron a dhèanamh air a' chinnt agus a' mhisneachd a th' aig daoine san roinn ath-nuadhachail.

Dh'iarr iad gun deadh plana ceart airson an ama ri teachd a chur air dòigh.

Thuirt iad cuideachd gu bheil feum air taic a bharrachd dha ceangalan lìonra dealain eadar Tìr Mòr agus na h-Eileanan an Iar agus mu thuath agus gum bu chòir do thaic stàite a bhith air a tabhann dha pròiseactan eileanach.

Soilleireachadh

Chuir Fear-Gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, fàilte air an aithisg.

Tha Mgr Dòmhnallach den bheachd gu bheil i a' cur taic ri na tha an t-ùghdarras air a bhith ag ràdh rè nam bliadhna.

"Thathas ag iarraidh soilleireachaidh bhon Riaghaltas a thaobh na taic a tha iad-san a' dol a chur ri cumhachd ath-nuadhachail san fharsaingeachd, ach gu sònraichte ann an suidheachadh eileanach, agus tha sin gu bhith na fheum mòr dhuinne.

"Ach chan e a-mhàin soilleireachadh a tha sinn ag iarraidh, tha sinn ag iarraidh air an Riaghaltas co-dhùnaidhean a dhèanamh airson fuasgladh fhaighinn air a' chuspair a tha seo, a tha sinn air a bhith a' sireadh fad 15 bliadhna, neo barrachd," thuirt Mgr Dòmhnallach.