NHS na Gàidhealtachd £4m thar bhuidseit

  • 21 An t-Iuchar 2016
Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd còrr is £4m thairis air am buidseat sa chiad chairteal den bhliadhna-ionmhais 2016/17.

Thèid innse do choinneimh den bhòrd an ath-sheachdain gum faodadh nach tèid aca air na leabhraichean cunntais a chothromachadh am-bliadhna, agus gum iad £16m thairis air am buidseat.

Aig a' choinneimh aca sa Ghiblean dh'aontaich am bòrd gearraidhean de £28m a dhèanamh ann an 2016/17.

Nas fhaide den bhliadhna dh'aontaich iad gum bu chòir an ùine a tha euslaintich a' cur seachad san ospadal a ghearradh ann an oidhirp airgead a chùmhnadh.

Canaidh Stiùiriche Ionmhais a' bhùird, Nick Kenton, aig coinneimh na h-ath-sheachdain, gur e cosgais na seirbheis air an taobh siar, an Earra-Ghàidheal agus aig Ospadal an Ràthaig Mhòir a bu choireach.

Tha e ag ràdh gu bheil iad a' cur suim airgid mhòir a dh'ionsnaigh dhotairean locum.