"Coinneamh mhisneachail" le Rùnaire ùr a' Chumhachd

  • 20 An t-Iuchar 2016
Crann-gaoithe
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar cuideachd a' sireadh coinneimh le Rùnaire ùr a' Chumhachd, Greg Clark.

Thuirt ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, gun robh coinneamh mhisneachail aige le Rùnaire ùr a' Chumhachd, Greg Clark.

Chualar aig toiseach na seachdain gu bheil Comhairle nan Eilean Siar a' sireadh coinneimh le Mgr Clark airson bruidhinn mun chàball mhara a tha a dhìth airson cumhachd bho thuathan-gaoithe anns na h-Eileanan a thoirt gu Tìr-Mòr.

Tha Mgr MacNèill na chathraiche air Comataidh Cumhachd agus Atharrachadh Aimsire Westminster agus thuirt e gun robh e air a mhisneachadh leis an èisteachd a fhuair e bho Mhgr Clark.

Dh'iarr e air Mgr Clark tadhal air na h-Eileanan Siar gus am faiceadh e dha fhèin na cothroman a th' ann airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh.

"Tha mi eòlach air Greg Clark bho chionn iomadach bliadhna - deich bliadhna - airson nuair a dh'iarr mi air tighinn dhan na h-Eileanan ... 's ann a las na sùilean aige air a' chothrom a dhol dha na h-Eileanan an Iar ma thig aige air sin a dhèanamh".

"'S ann a bha fìor ùidh phearsanta aige-san a dhol dha na h-Eileanan an Iar".

Ghabh Mgr Clark àite Amber Rudd ann an crathadh an Riaghaltais an t-seachdain a chaidh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile