Fireannach ciontach de dh'èigneachadh

  • 20 An t-Iuchar 2016
An Àrd-Chùirt an Dùn Èideann

Fhuaireadh fireannach ciontach aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann de chasaidean gun do dh'èighnich e 's gun tug e ionnsaigh air dithis bhoireannach.

Fhuair an diùraidh Seumas Gilliard, a tha 35 agus a bhuineas do dh'Inbhir Nis, ciontach gun do dh'èignich e boireannach, 31, ann an Cathair Challdainn am Fìobha eadar am Màrt agus an t-Ògmhios 2005.

Chaidh fhaighinn ciontach cuideachd de chasaid gun do dh'èignich e boireannach, 35, ann an Inbhir Nis eadar am Faoilleach agus an Gearann 2010.

Nochd e às dèidh a dhitidh, gun deach Gilliard, a bha a' dol às àicheadh nan casaidean, a dhiteadh roimhe air casaidean a bhith a' toirt ionnsaigh agus a' briseadh na sìthe.

Chuir am britheamh, a' Bh-Mhorair NicIlleMhìcheil, binn dheth rè ùine, gus i a' feitheamh air aithisg mu a charactar.

Chuala a' chùirt cuideachd gun tug Gilliard ionnsaigh air a' chiad bhoireannach le bhith ga tilgeil sìos staighre, agus gun do ghlais e i am broinn pris, 's gun do chùm e an sin i an aghaidh a toil.

Thug Gilliard dòrn dhi, thug i slaic oirre, bhreab e i, agus bhuail e i mu a ceann 's mu a bodhaig grunn thursan, mus do dh'èignich e i.

Chuala a' chùirt cuideachd, gun do rinn e briseadh na sìthe aig an dachaigh aige ann an Inbhir Nis air 15mh an Cèitean 2015, le bhith ag èigheach 's a' mionnachadh ri boireannach.

Thuirt Poilis Alba gun deach Gilliard a dhiteadh air droch-eucoirean fòirneartach, agus eucoirean feise.

Thuirt an Det. Ch. Insp. Samantha McCluskey, bho bhuidhinn-obrach nàiseanta an dochain san dachaigh: "Tha mi an dòchas gun cuir diteadh an là an-diugh teachdaireachd shoilleir a-mach gun rannsaich Poilis na h-Alba gu làidir, agus gu cùramach, dochann san dachaigh sam bith, no eucoirean ceangailte - co-dhiù cuin a chaidh a dhèanamh - gus daoine a chumail sàbhailte.

"Bu mhath leam iomradh a thoirt air na boireannaich a thàinig air adhart a chuideachadh nam Poileas, oir mura b' e an cuid dànachd agus tapachd, 's dòcha nach robh Gilliard air a dhiteadh gu brath."