Suicheantas BhBC Alba
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seanal BBC Alba "ann an cunnart"

19 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh an seanal BBC Alba a bhith ann an cunnart - mur am faigh MG Alba taic a bharrachd gus programan ùra a' leasachadh.

Sin beachd cathraiche MG Alba, Magaidh Choinneagan, agus a' bhuidheann ann an Lunnainn a' coiteachadh luchd-poileataigs mun chùis.

Tha iad ag iarraidh air a' BhBC dùblachadh na tha iad a'dèanamh de phrògraman ùra san t-seachdainn agus tha iad ag iarraidh gum bi sin sgrìobhte ann an cairt rìoghail ùr a' BhBC.