CnES a' sireadh coinneimh

  • 19 An t-Iuchar 2016
Crann-gaoithe
Image caption Dh'iarradh Comhairle nan Eilean Siar coinneamh le Greg Clark cho luath 's a ghabhas.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air coinneamh iarraidh le Rùnaire ùr a' Chumhachd Greg Clark airson bruidhinn air cumhachd ath-nuadhachail anns na h-Eileanan agus mun fheum a th' ann airson càball mara airson cumhachd às na h-Eileanan a thoirt gu Tìr-Mòr.

Thàinig Mgr Clark a-steach an àite Amber Rudd ann an crathadh an Riaghaltais an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil iad a' faicinn chothroman mòra ann an cumhachd ath-nuadhachail taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean ma thèid an griod dealain a leasachadh.

Càball mara

Am measg nan ceistean a tha iad airson a chur air Mgr Clark tha cuin a bu chòir dùil a bhith aca ris a' chàball dealain fon Chuan Sgìth.

Tha mar a tha dreuchdan mhinistearan ag atharrachadh a' dèanamh chùisean nas mì-chinntiche, ann am beachd Fhir-Ghairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"'S e an trioblaid a th' againn an turas seo 's e gum feum co-dhùnadh a bhith againn ro dheireadh na bliadhna a tha seo mu dheidhinn a' chàbaill airson 's gum bi an fheadhainn a tha airson na leasachaidhean seo a thoirt air adhart - gum bi co-fhurtachd aca gu bheil an càball gu bhith na àite taobh a-staigh eadar trì 's ceithir bhliadhnaichean," thuirt e.

Tha roinn a' chumhachd fhèin cuideachd a-nis air atharrachadh 's i air a cur còmhla ri gnìomhachas.

Thuirt Tormod Dòmhnallach gu bheil na nochd ann am manifesto a' Phàrtaidh Thòraidhich - gu bheil iad airson tarraing air falbh bho chumhachd ath-nuadhachail air tìr - a' togail cheistean a dh'iarradh iad a chur air Greg Clark.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile