Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

19 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trident

Thèid armachd niuclasach Trident ùrachadh ann am Breatainn às dèidh bhòt ann an Taigh nan Cumantan an-raoir. Thàinig seo a dh'aindeoin 's nach do bhòt ach aon Bhall-Pàrlamaid Albannach aig Westminster airson an ùrachaidh. A rèir Riaghaltas Bhreatainn, bu chòir dhan rìoghachd an armachd niuclasach neo-eisimeileach a ghlèidheadh. Ach tha an SNP ag ràdh gum bu chòir dhan armachd a bhith air a gluasad bho Abhainn Chluaidh.

A' Ghearmailt

Mharbh Poilis na Gearmailt fireannach aois 17, a thug ionnsaigh le sgithinn agus tuagh air luchd-siubhail ann am Bavaria. Bhuineadh e do dh'Afganastan, 's bha e air comraich a shireadh anns an dùthaich. Tha dithis ann an staid ìosal san ospadal às dèidh na h-ionnsaigh, a thachair air trèana, le aithrisean gun deach bratach IS a lorg na dhachaigh, agus gun robh e ag èigheachd ghairmean Muslamach ann an Arabais tron ionnsaigh.

Spalding

Thuirt na Poilis ann an Sasainn gun deach triùir dhaoine, aon ghunaire nam measg, a mharbhadh le gunna an am baile Spalding. Thachair e faisg air amar snàimh san sgìre. Thuirt na Poilis nach e cùis cheannairc a bh' ann, agus nach robh na Poilis air gunna a losgadh.

Pìleatan

Chaidh dà phìleat a chur an grèim aig Port-adhair Ghlaschu agus aithrisean ann gun robh iad fo bhuaidh na dibhe. Tha am BBC a' tuigsinn gur e an sgiobair 's am prìomh oifigear aige bho chompanaidh adhair Chanaidianach Air Transat a bh' annta. Chaidh an cur an grèim mus do dh'fhàg itealan Port-adhair Ghlaschu airson Toronto. Nochdaidh an dithis aig Cùirt an t-Siorraidh ann am Pàislig an-diugh fhathast.

An Ruis

Tha a' Chomataidh Oilimpigeach Eadar-Nàiseanta an-dràsta a' beachdachadh air am bu chòir dhan sgioba Ruiseannach air fad airson nan Geamannan Oilimpigeach ann an Rio a bhith air an casg bhon fharpais. An-dè chaidh iarraidh orra an casg a tha sin a chur an sàs às dèidh sgrùdadh a bhith air fhoillseachadh a sheall gun robh Stàit na Ruis fhèin a' toirt dhrogaichean mì-laghail dha lùth-chleasaichean. Thuirt Ceann-Suidhe na Ruis, Vladimir Putin, tà, nach robh san aithisg ach oidhirp smal a chur air cliù na Ruis.

BBC ALBA

Dh'fhaodadh BBC ALBA a bhith ann an cunnart mura faigh an sianal tuilleadh airgid airson prògraman ùra a dhèanamh, a rèir cathraiche MG ALBA. Thàinig seo agus a' bhuidheann a' coiteachadh luchd-poileataigs Lunnainn airson barrachd maoineachaidh. Thuirt am BBC ann an Alba gun tug iad freagairt do phàipear Riaghaltais air a' Chairt Rìoghail, agus gun deach molaidhean a chur air adhart gus cur ris na seirbheisean aca ann an Alba.

An Atmhorachd

Dh'èirich ìre na h-atmhorachd beagan air a' mhìos a chaidh. Sa Chèitean bha ìre na h-atmhorachd bho Chlàr an CPI aig 0.3%, ach anns an Ògmhios dh'èirich sin gu 0.5%.