Ciad sheachdain

  • 18 An t-Iuchar 2016

Fhuair Theresa May gu Àireamh a Deich mar thoradh air roghainn an t-sluaigh Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach.

Ged a bha am prìomhaire ùr an aghaidh na roghainn sin, ach tha e ceart cho daingean na beachd a-nis gu feum co-dhunadh an luchd-bhòtaidh a chur an gnìomh.

Ach nan robh a leithid a dhìth, fhuair i dearbhadh anns na beagan làithean a dh'fhalbh gun toireadh cùisean na Roinn Eòrpa buaidh oirrn ann no às.

Cha robh Theresa May na dreuchd ach latha mus b' fheudar dhith bruidhinn mar phrìomhaire gus ar bròn a chur an cèill mu mhuirt 84 air sràidean Nice.

Ron an referendum, thuirt i gum bitheadh e na bu duilghe Breatainn a dhìon bho cheannairc taobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich agus i ag ràdh gun robh ballrachd na Rìoghachd Aonaichte na cuideachadh mòr do an seirbhisean brathaidh.

A-nis, feumaidh i earbsa a thoirt do mhuinntir na dùthcha gu bheil iad cho sàbhailte agus a ghabhas a dh'aindeoin toradh an Òg-mhios.

Teagmhachd

Chaidh ceist na Tuirc a thogail air thoiseach air an reifreann agus luchd Brexit ag ràdh gu faodadh in-imirich às an dùthaich sin tighinn nam miltean gu Breatainn nam faigheadh i a-steach don Aonadh Eòrpach.

Chum taobh Theresa May a-mach nach tachradh sin, agus tha gnothaichean an deireadh sheachdain a' fàgail gu bheil àite don Tuirc aig a' bhòrd anns a' Bhruiseil a' coimhead cho fad às agus a bha a-riamh.

Ach tha iad a' fàgail ceist eile gun fhreagairt, am bitheadh fàilte na bu bhlàithe bhon roinn Eòrpa na dòigh gus a leithid a sheachnadh, gus an daon-fhlaitheas a neartachadh anns an Tuirc mar a thachair anns an Spàinn, a' Phortagal agus a' Ghrèig aig deireadh na deachdaireachd anns na dùthchanan mu dheas.

Roimhe, bha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a-measg na feadhna a rinn an argamaid sin an aghaidh teagmhachd air tìr mòr.

A-nis, cha bhi Breatainn na pàirt den deasbad sin.

Ach chan urrainn don tè ùir aig Sràid Downing ach aire a thoirt do na tha tachairt ann an dùthaich a thug buaidh mhòr air eachdraidh na h-Eòrpa thar nam bliadhna.

Duilich

Chuireadh iongnadh air cha mhòr a h-uile duine leis an roghainn dleastanas airson chùisean cèin a thoirt do Boris Johnson, aig a bheil am bàrd Turcach Ali Kemal mar shinn sheanair.

(Mar as lugha a chanar mu bhàrdachd Bhoris fhèin air cuspair a' Chinn-suidhe Erdogan, is ann as fheàrr).

Fiù 's leis a' chòmhradh air Brexit an làmhan David Davis agus malairt eadar-nàiseanta fo stiùir Liam Fox, is soilleir gum bi Mgr Johnson trang.

Shaoil cuid gun robh fastadh Mhgr Johnson na chleas bho Theresa May airson a chumail trang agus air falbh bhon taigh - gu h-àraid Taigh nan Cumantan, far am faodadh e duilgheadas a dhèanamh dhi air na cul-bheingean, gu h-àraid ma - no nuair - a dh'fhàsas cùisean duilich le a sheann chàirdean anns an Aonadh Eòrpach.

Bidh sùilean a-nis air Mìcheal Gove, a bhios saor trioblaidean adhbhrachadh ma thogras e.

Do Mhgr Johnson - aig nach robh dreuchd mar mhinistear a-riamh - is e dùbhlan, agus cothrom mòr a bhios ann dha sealtainn gun toir e barrachd coimeis na connspaid don riaghaltas.

Taic

Leis an àimhreit uile anns an Roinn Eòrpa, chuir Theresa May roimhpe gun dèanadh i tadhail aig Dùn Èideann - agus an-diugh, Cardiff - air thoiseach air Berlin no Paris.

Tha am prìomhaire ùr airson a taic-se don aonadh Bhreatannach a chur an cèill agus làn fhios aice gu bheil bhòt na mìosa a chaidh a' cur uallach mòr air.

Chaidh i gu Taigh a' Bhòid Dihaoine gus innse don phrìomh mhinistear nach deigheadh Artagail 50 - a thòisicheas an clog airson Brexit - a chur an gnìomh gun aonta le Dùn Èideann.

Tha Mrs May ag ràdh gu bheil muinntir na h-Alba air roghainn a dhèanamh air neo-eisimeileachd mar-thà, ged nach tuirt i gun cuireadh i cnap-starra ro bhòt eile.

A rèir Nicola Sturgeon, tha seo a' fàgail Alba - ga fàgail-se - ann an suidheachadh làidir, ged a dh'fheumas i co-dhunadh a dhèanamh air darna referendum ann an ùine nach bi fada.

Aig deireadh na ciad seachdain tha fios againn cò am prìomhaire ùr, ach chan eil tòrr eile air as urrainn dhuinn a bhith cinnteach.