"Cuir às do Choimisean na Croitearachd"

  • 14 An t-Iuchar 2016
Slèite Image copyright Dave Fergusson/Geograph

'S e cur às do Choimisean na Croitearachd agus crathadh bunaiteach an cois sin an t-slighe air adhart, a rèir chroitearan ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Tha comataidh chùl chinn Shlèite ag ràdh gu bheil an siostam a th' ann an-dràsta air faileachadh, agus gu bheil cus biurocrasaidh na chois.

Tha croitearan Shlèite gu bheil fada cus obair phàipeir an cois a' ghnìomhachais, gu bheil an siostam a th' ann an-dràsta ro dhaor agus nach eil e a' seasamh chòirichean chroitearan nas motha.

Tha an t-àm ann mar sin, tha iad ag ràdh, achd ùr a chur an gnìomh a bhiodh freagarrach do chroitearachd an là an-diugh.

Tha na croitearan a' moladh siostaim far am biodh croitearan a' cumail smachd air na riaghailtean iad fhèin.

Bhiodh comataidh anns a h-uile baile a bhiodh a' seasamh chòirichean chroitearan.

An ceann sin bhiodh comataidh sgìre an urra ri gach paraiste.

A bharrachd air a sin bhiodh buidheann a' cumail sùil agus smachd air na comataidhean agus a' dèiligeadh ri co-dhùnaidhean leis nach eil croitearan toilichte.

Thigeadh an suim airgid bhon sporan às a bheil an Riaghaltas a' maoineachadh a' Choimisein an-dràsta.

Thuirt fear-cathrach comataidh chùl chinn Shlèite, Alasdair Culbertson, gun d'rachadh sin a chur a dh'ionnsaigh nan comataidhean cùl cinn.

Nas cudthromaiche na sin ge-tà, tha iad a' moladh cur às do Choimisean na Croitearachd.

Na àite bhiodh Ionad fiosrachaidh Chroitearachd ann.

Bhiodh an t-ionad sin a' toirt taic, cuideachaidh agus comhairle laghail seachad do chroitearan.

Bhiodh dleastanas orra aithisg a sgrìobhadh a h-uile bliadhna mun staid anns a bheil an gnìomhachas, agus sin a chur a dh'ionnsaigh Riaghaltas na h-Alba.

Chuir croitearan Shlèite na beachdan aca a dh'ionnsaigh Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing.

Thuirt fear-labhairt bhon Riaghaltas gu bheil e na amas aca ùrachadh agus atharrachadh a thoirt air lagh gus am bi e nas fhurasta a thuigsinn.

Tha iad airson sin a dhèanamh sa Phàrlamaid a tha seo.

Ach chan eil e ag innse co-dhiù tha an Riaghaltas a' gabhail ri beachd nan Slèiteach.