Obair-togail
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Obair-togail a' tòiseachadh air taigh-staile Ratharsair

13 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha obair-togail air tòiseachadh aig taigh-staile Ratharsair, 's dòchas ann gum bi e fosgailte dhan phoball as t-samhradh an ath-bhliadhna.

Thathas ga thogail aig làrach Thaigh Bhorghadail san eilean, far am bi taigh-staile, ionad-tadhail agus taigh-òsta.

Thèid aon-deug obraichean a chruthachadh nuair a dh'fhosglas e.

Tha Calum Mac Illeathain ag aithris.