CnES gus £5m sa bhliadhna a chall

  • 13 An t-Iuchar 2016
Airgead

Caillidh Comhairle nan Eilean Siar còrr air £5m gach bliadhna nuair a dh'fhàgas Breatainn an t-Aonadh Eòrpach, a rèir na chuala comhairlichean Dimàirt.

Chan eil an suim sin a' gabhail a-steach taicean-airgid eile a gheibheadh an t-ùghdarras ionadail mu choinneimh an airgid sin, no taicean-airgid airson croitearachd, no do bhuidhnean saor-thoileach.

Tha Fear-Gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach, ag ràdh gum feum iad iomairt làidir a dhèanamh airson feuchainn ris a' cheart uiread a dh'airgead fhaighinn na àite bho riaghaltasan Bhreatainn agus na h-Alba.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn ìre a ruighinn cho luath 's as urrainn dhuinn far a bheil tomhais againn air dè dh'fhaodadh tachairt dhuinn air sgàth na bhòta airson tighinn a-mach às an Roinn Eòrpa," thuirt Mgr Dòmhnallach.

Maoin a bharrachd

"Chan eil teagamh sam bith aig a' mhòr-chuid nach e rud a th' ann a tha gu bhith dona 's dòcha dha na h-Eileanan, agus dhan Ghàidhealtachd anns an fharsainneachd, ach cuideachd dhan dùthaich air fad ma 's e 's gun tèid leantainn troimhe le seo.

"A thaobh nam prògraman a tha a' ruith (aig a' Chomhairle) an-dràsta fhèin tha eadar £5-6m air a cheangal a-steach ann an sin, agus tha a' mhòr-chuid den airgead sin a' cur taic ri bhith a' toirt chothroman obrach dha òigridh agus dha daoine a tha a-mach às obair.

"A-rithist, ma 's e 's gun tèid crìonadh no gearradh sam bith a dhèanamh air an ionmhas a tha sin, tha sin a' toirt droch bhuaidh air an fheadhainn a bhiodh sinne a' liùgachdainn a bhiodh ag obair anns na bliadhnaichean a tha ri teachd, agus cuideachd an fheadhainn a tha a-mach à obair, obair a thoirt dhaibh gus an urrainn dhaibh cumail a' dol a' fuireach sna h-Eileanan.

"Tha an t-ionmhas a tha sinne a' faighinn dìreach bhon Roinn Eòrpa, tha e a' cur ris an oidhirp anns an fharsainneachd, agus tha e a' tighinn gu tòrr a bharrachd air sin, agus ma 's e 's gun caill sinn an t-airgead Eòrpach, 's dòcha nach bi maoin eile a' tighinn troimhe cuideachd, agus dh'fhaodadh a' bhuaidh a bhith tòrr na bu mhiosa air sgàth sin," thuirt e.

Tha teagamhan ann cuideachd, thuirt Mgr Dòmhnallach, mun taic-airgid a tha croitearan a' faighinn on Aonadh Eòrpach.

"Tha mì-chinnt mu dheidhinn sin. Ma 's e 's gu bheil an t-airgead a tha an Rìoghachd a' cur a-steach dhan Roinn Eòrpa an-dràsta, ma tha e a' dol a thighinn air ais a Lunnainn, a bheil iad dha-rìribh a' dol a sgapadh sin a-mach dha na sgìrean iomallach, no a bheil iad a' dol a chleachdadh an airgid a tha sin airson taic a chur ri gnìomhachasan a bhiodh iadsan 's dòcha a' meas a tha tòrr nas cudromaiche airson na dùthcha air fad," thuirt e.

"Sin na teagamhan a th' againn an-dràsta, agus 's e sin as coireach gum feum sinn tòiseachadh chòmhraidhean gach cuid ris an Riaghaltas ann an Dùn Èideann, agus ann an Lunnainn airson feuchainn ri fuasgladh fhaighinn, agus cuideachd a bhith tòrr nas cinntiche a thaobh dè dh'fhaodadh a bhith a' tachairt anns a' bhliadhna, no trì no ceithir de bhliadhnaichean a tha romhainn.

Daoine eadar-dhealaichte

"Tha cunnart ann gur dòcha nach fhaigh sinn an aon èisteachd 's a tha sinn air a bhith a' faighinn thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad tron iomairt againn Ar n-Eileanan Ri Teachd.

"Ach tha sinn mar thà air a bhith a' bruidhinn ris na riaghaltasan. Tha mì-chinnt a-rithist ann le Riaghaltas Bhreatainn an-dràsta fhèin, is gu bheil Prìomhaire ùr gu bhith againn, agus cuideachd dè na h-atharrachaidhean a tha gu bhith sa Chaibineat an sin.

"Agus a bheil sinn gu bhith a' còmhradh ri daoine eadar-dhealaichte aig nach eil tuigse air na h-argamaidean a tha sinn air a bhith a' cur riutha thairis air an dà bhliadhna a chaidh seachad.

"Tha sin a' togail teagamh, ach a-rithist feumaidh sinn na 's urrainn dhuinn a dhèanamh airson a bhith cinnteach às gu bheil an guth againn cho làidir 's a ghabhas e a bhith, agus gu bheil sin a' dol a thoirt buaidh aig deireadh an là air na seirbheisean agus a' mhaoin a tha a' dol a thighinn a-steach dha na h-Eileanan airson taic a chur ri daoine a bhith a' còmhnaidh ann an seo," thuirt e.