Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Cuiridh Angela Eagle, a bha na Rùnairea Ghnothachais Dùbhlain, a h-iomairt air bhonn gu foirmeil an-diugh airson airson ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich. Tha ise am measg mòr-chuid de Bhuill-Phàrlamaid Làbarach a tha ag ràdh nach eil earbsa aca ann an Jeremy Corbyn. Tha luchd-taic Mhgr Corbyn ag ràdh gu bheil cead deamocratach aigesan air an dreuchd leis gun do bhòt ceudan mhìltean de bhallrachd a' phàrtaidh air a shon. Bidh buidheann riaghlaidh nan Làbarach, an NEC, a' co-dhùnadh a-màireach am feum Mgr Corbyn taic bho chòrr is 50 Ball-Pàrlamaid agus Ball-Pàrlamaid Eòrpach airson seasamh ann an taghadh.

Na Tòraidhean

Dh'iarr Andrea Leadsom, a tha a' seasamh airson ceannas nan Tòraidhean, air Theresa May a leisgeul a ghabhail ma 's e agus gun do rinn i dìmeas oirre nuair a thuirt i gu bheil i fhèin nas comasaiche air riaghladh oir gu bheil teaghlach aice. Thuirt feadhainn a tha faisg air a' Bh.Ph. May, aig nach eil clann, nach robh Rùnaire na Dùthcha riamh den bheachd gun do dh'fheuch a' Bh.Ph. Leadsom ri a goirteachadh a dh'aona-ghnothaich.

Brexit

Tha ministearan ionmhais às Alba, a' Chuimrigh agus Èirinn a Tuath a' coinneachadh ann an Cardiff an-diugh a dheasbad buaidh na bhòta airson falbh às an Aonadh Eòrpach. Tha iad a' toirt sùil gu h-àraid air a' bhuaidh a dh'fhaodadh seo a thoirt air airgead poblach nan dùthchannan aig a bheil ìre de dh'fhèin-riaghladh.

Stailc an Ràthaig Mhòir

Tha coltas ann gum faodadh stailc a bhith aig portairean aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis, 's iad mì-thoilichte mu phlanaichean NHS na Gàidhealtachd airson rota ùr dhaibh. Tha e coltach gun deach iarraidh air an aonadh chiùird aca, an GMB, baileat oifigeil a chumail air a' chùis.

Bun Abhainn Eadar

Tha sgeama haidro Bhun Abhainn Eadair aig Urras Cheann a Tuath na Hearadh a' dol a-niste, seachd bliadhna an dèidh tòiseachadh air an t-slighe. Chosg an sgeama £750,000, agus tha dòchas ann gum bi e comasach air dealan a chruthachadh airson suas ri 50 bliadhna. Ged nach bi uidhir de bhuanachd san sgeama 's a bha dùil sa chiad dol-a-mach, bithidh cothrom aig an Urras air tuilleadh earainnean a ghabhail anns a' phròiseact an dèidh còig bliadhna.

Geàrrloch

Tha muinntir Gheàrrloch a' gearain gum bi sgrios air turasachd anns an sgìre le siostam òtrachais ùr a tha Uisge na h-Alba a' cur an sàs. Tha Comhairle Coimhearsnachd Gheàrrloch ag ràdh gum bi òtrachas nach bi air a ghlanadh ceart a' dol a-mach dhan bhàgh, agus gum bi e a' gannrachadh nan tràighean aca. Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil an aon sheòrsa siostaim ag obair gu math ann an àiteachan eile.