Am Baile Ùr aig a' mhullach

  • 3 An t-Iuchar 2016
Caman is clogaid.

Tha Baile Ùr an t-Slèibh fhathast aig mullach na Prìomh Lìge is dà phuing eile ach Disathairne.

Bha iad ro mhath do Loch Abar a-rithist, 3-1 aig a' cheann thall.

Thàinig na tadhail bho Iain Robinson, Glen Mac an Tòisich is Chris Sellar.

Tha Ceann Loch Seile còmhla ris a' Bhaile Ùr aig mullach na lìge - ged tha iad air ceithir geamaichean a bharrachd a chluich - rinn iadsan an gnothach air Ceann a' Ghiuthsaich 4-1 Disathairne.

Dòchas

Bha na Sgitheanaich an dòchas dà phuing fhaighinn 'son a' chiad turas am-bliadhna is iad a' tadhal air a' Ghearasdan, a tha aig bonn na lìge.

Air a' cheann thall, bha iad feumach air tadhal anmoch sa gheama bho Jordan Murchison gus puing fhaighinn, an geama a' crìochnachadh 2-2.

Bha buile ann dha na Sgitheanaich sa gheama eile sa Phrìomh Lìog, Gleann Urchadain a' soirbheachadh 1-1 an aghaidh Lòbhait.

Tha an Gleann is na Sgitheanaich a-nise còmhla air 6 puingean.

Cuairt Dheireannach

Chaidh Caol Bhòid air adhart dhan iar chuairt dheireannaich de Chupa MhicAmhlaidh, 5-0 an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Aig Siabost chaidh na Lèodhasaich air thoiseach 4-1, mus do thill Loch Abar gu 4-4.

Anns na dìogan mu dheireadh, ge-tà, nochd Dòmhnall MacLaomainn leis an tadhal a bhuannaich an geama dha Leòdhas 5-4.

Dà phuing luachmhor dha na Lèodhasaich gus an togail far bhonn na lìge.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile