Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, nach fhaigh Breatainn cothrom air margaidh shingilte an Aonaidh Eòrpaich mura h-aontaich i an toiseach gun cùm i oirre a' leigeil saorannaich an EU thairis air a crìochan. Thuirt a' Bh.Mh. Merkel cuideachd gun dèan i a h-uile càil as urrainn dhi airson an còrr den aonadh a chumail slàn. Bha na h-uimhir den luchd-iomairt airson Brexit - Boris Johnson nam meag - air innse do luchd-bhòtaidh gum faodadh Breatainn fuireach anns a' mhargaidh shingilte.

Dh'fhoillsich Ceann-Suidhe a' Chomisein Eòrpaich gu bheil e air oifigich an EU a chasg bho a bhith a' còmhradh ri riochdairean Bhreatainn gus an tòisich an Rìoghachd Aonaichte am pròiseas foirmeil gus fàgail. A' brudhinn aig coinneimh shònraichte de Phàrlamaid na h-Eòrpa thuirt Jean-Claude Junker, às dèidh referendum na seachdain seo chaidh, gum feum Breatainn gluasad gu sgiobalta gus am pròiseas sin a chur air chois.

Thuirt Seòras Osborne gu bheil e soilleir gu bheil an dùthaich gu bhith nas bochda taobh a-muigh an EU. Thug an Seansalair rabhadh gum feum riaghaltas Tòraidheach ùr cìsean a chur an-àirde agus buidseatan poblach a ghearradh as t-Fhoghair. Thuirt Mgr Osborne cuideachd nach seas e anns an taghadh airson ceannard ùr fhaighinn dhan phàrtaidh. Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil Liam Fox, a b' àbhaist a bhith na Rùnaire Dìon a' dèanamh deiseil airson ainm a chur air adhart mar thagraiche.

Na Làbaraich

Agus thòisich Buill-Phàrlamaid Làbarach a' bhòtadh ann am bhòt chion-earbsa anns a' cheannard aca Jeremy Corbyn. Bidh aca gu 4:00f an-diugh airson na baileatan aca a chur a-steach. Tha Mgr Corbyn mar thà air leigeil fhaicinn nach eil dad de dhùil aige a dhreuchd a leigeil dheth.

Sturgeon

Dh'innis Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, don BhBC gu bheil i ann an còmhraidhean le ùghdarras Gibraltar mu bhith ag obrachadh còmhla gus ceanglaichean a ghlèidheadh ris an EU. B' e Àrd-Mhinistear Gibraltar, Fabian Picrado, a dh'iarr na còmhraidhean. Iarraidh a' Bh.Mh. Sturgeon cùl-taic na Pàrlamaid Albannaich an-diugh fhathast agus i a' seasamh taobh na h-Alba ann an còmhraidhean le buidhnean Eòrpach is eile.

Na h-Eileanan Siar

Nì Comhairle nan Eilean Siar iomairt Diardaoin airson taic-airgid shònraichte fhaighinn dha na h-Eileanan airson cumhachd ath-nuadhachail. Coinnichidh riochdairean na Comhairle ri Rùnaire Chumhachd Bhreatainn, Amber Rudd. Tha a' Chomhairle cuideachd ag ràdh gum feum na h-Eileanan tuilleadh taic-airgid leasachaidh fhaighinn bho gach cuid Dùn Èideann agus Lunnainn mu choinneimh na chailleas iad de thaic-airgid le bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich.