"Call £100m ri linn Brexit"

  • 27 An t-Ogmhìos 2016
Referendum

Thuirt am BPA Gàidhealach, Ceit Fhoirbeis, gum faodadh a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan còrr is £100m a chall ri linn mar a bhòt Breatainn airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

Bhòt sluagh na dùthcha 51.9% gu 48.1 airson tarraing a-mach às an aonadh.

Bha taic 56% gu 44% air a' Ghàidhealtachd 'son fuireach san EU, is 55.2% gu 44.8% anns na h-Eileanan an Iar.

Thuirt a' Bh.Ua. Fhoirbeis gu bheil an t-suim de £100m stèidhichte air dà mhaoin, Maoin Phrògram Eòrpach Sòisealta na h-Alba agus Prògram Leasachaidh Sgìreil Eòrpach na h-Alba.

Thuirt i gun tàinig còrr is £100m dha sgìre an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach bhuapa eadar 2007 is 2013.

Àiteachas

Cha robh sin a' gabhail a-steach subsadaidhean àiteachais.

Thuirt Ceit Fhorbeis gu bheil dragh oirre gum bi sgeamaichean coimhearsnachd a-nise ann an cunnart.

"Bha taic-airgid bhon EU bunaiteach airson iomadh pròiseict air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan a stèidheachadh - bho thurasachd gu foghlam gu coilltearachd" , thuirt am BPA.

"Cheannaich Cal Mac aiseagan ùra air sgàth airgid Eòrpaich, is tha an UHI agus HIE air taic timcheall air £20m fhaighinn le chèile", thuirt i.

Tha a' Bh.Ua. Fhoirbeis a' cumail a-mach gu bheil tòrr phròiseictean air airgead Eòrpach a chleachdadh mar bhunait airson taic fhaighinn à àiteachan eile ann am maoineachadh co-ionnan, a' fàgail gum faodadh an t-suim gu lèir a bhith pìos math nas motha na £100m.

Thuirt i gu bheil i den bheachd gu bheil e "gun chiall" gum faodadh a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan taic-airgid a chall às dèidh dhaibh bhòtadh airson fuireach san EU, is gun robh muinntir na sgìre mothachail air a' bhuannachd a th' ann dhaibh a bhith san Aonadh Eòrpach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo