Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

24 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dàibhidh Camshron

Thuirt Dàibhidh Camshron gum fàg e a dhreuchd mar Phrìomhaire as t-Fhoghair, às dèidh dhan Rìoghachd Aonaichte bhòtadh an-dè airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail. Fanaidh Mgr Camshron na dhreuchd gu co-labhairt nan Tòraidhean san Damhair, 's e ag ràdh gu bheil ceannas ùr a dhìth airson na dùthcha. A' bruidhinn na bu thràith sa mhadainn an-diugh, mhol e gur e an ath-Phrìomhaire a thòisicheadh an t-slighe oifigeil airson an AE fhàgail.

(Clip de Dhàibhidh Camshron sa Bheurla)

Referendum

Anns an referendum an-dè bhòt 52% de luchd-bhòtaidh, còrr air 17m neach, airson cùl a chur ris an aonadh, le 48% a' bhòtadh airson fuireach. Thuirt Mgr Camshron cuideachd gun robh còir aig dùthchannan na Rìoghachd Aonaichte fa-leth a bhith an sàs anns na còmhraidhean leis an Aonadh Eòrpach a bhiodh an lùib fàgail.

'S bha sgaradh ann air mar a bhòt na dearbh dhùthchannan anns an Rìoghachd Aonaichte. Ann an Alba chuir a h-uile sgìre comhairle taic ri fuireach san Aonadh, 's 60% de mhuinntir na h-Alba a' bhòtadh fuirich. Anns na h-Eileanan an Iar bhòt 55% den t-sluagh airson fuireach san aonadh. 'S bhòt Èirinn a Tuath cuideachd airson fantainn anns an AE, le 56% a' cur taic ris an sin. Ach 's e sgeulachd eile a bh' ann an Sasainn, le Lunnainn a-mhàin an aon mhòr-sgìre a bhòt airson fuireach. Bhòt 53% de dhaoine ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh airson fàgail.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon ag ràdh gu bheil Alba air bhòtadh gu làidir airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach. Tha seann Phrìomh Mhinistear na dùthcha Ailig Salmond ag ràdh gu bheil e cinnteach gu bheil a' bhòt a' ciallachadh gum feum Alba gluasad nas fhaisge air referendum eile air neo-eisimeileachd. Thuirt Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar aig Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, gu bheil miann aig Albannaich a bhith anns an Aonadh Eòrpach.

"Chaidh a ghealltainn do mhuinntir na h-Alba, nam biodh iad a' bhòtadh airson fuireach anns an Aonadh, gum biodh iad anns an Roinn Eòrpa. Agus aon rud a tha follaiseach às dèidh na h-oidhche a-nochd, gu bheil an Roinn Eòrpa, gum b' fheàrr le muinntir na h-Alba an Roinn Eòrpa seach an Rìoghachd Aonaichte. Fhuair an Roinn Eòrpa 62%. Fhuair an Rìoghachd Aonaichte 55%. 'S e miann muinntir na h-Alba a bhith leis an Roinn Eòrpa nas motha na bhith le na Tòraidhean ann an Westminster."

An Not

Tron mhadainn agus toradh na bhòt air a thighinn am follais tha buaidh air a bhith air a toirt air an Not, agus luach mhargaidhean nan earrainnean. Thuirt Riaghladair Bhanca Shasainn, Mark Carney, gum biodh am banca a' dèanamh na bhiodh a dhìth airson dèiligeadh ri caochlaideachd nam margaidhean. Agus le mì-chinnt a' sgaoileadh ri linn na bhòta tha margaidhean earrainnean ann an Àisia agus anns an Roinn Eòrpa air tuiteam cuideachd.

An t-Aonadh Eòrpach

'S air feadh na Roinn Eòrpa tha ceannardan air seasmhachd iarraidh anns na seachdainnean agus na mìosan a tha romhainn. Tha cuid air atharrachadh iarraidh ge-tà, 's iad ag ràdh gur e "gairm" a th' ann am bhòt Bhreatainn dhan Aonadh Eòrpach air fad atharrachadh. Tha ceannard na buidhne as motha sa Phàrlamaid Eòrpaich, Manfred Weber, ag ràdh gum bu chòir còmhraidhean tòiseachadh anns a' bhad mu fàgail Bhreatainn, seach a bhith a' feitheamh airson deasbad ceannas Breatannach. Thuirt ceann-suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, gu bheil dùthchannan eile an aonaidh airson an aonachd aca fhèin a chumail. Ach tha pàrtaidhean teagmhach mun aonadh anns an Fhraing, an Òlainnd, agus anns an Danmhairg, air referenduman iarraidh dhaibh fhèin.

Trump

'S chuir an tagraiche Poblachdach ann an Aimeireaga airson dreuchd a' Chinn-Suidhe, Dòmhnall Trump, fàilte air toradh na bhòta. Bha esan a' bruidhinn 's e air tighinn a dh'Alba airson raon-goilf ùr fhosgladh, 's e ag ràdh gur e "deagh rud" a bh' anns a' bhòt dha Breatainn.