Loch
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gainnead uisge ann an Uibhist a Deas

23 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Creid e neo nach creid ach tha gainnead uisge ann an Uibhist a Deas.

Tha an loch a tha a' cumail uisge ri daoine air crìonadh uidhir 's gu feum Uisge na h-Alba uisge a thoirt a-null bho Bheinn nam Faoghla.

Sgaoil a' bhuidheann litreachan dhan t-sluagh ag iarraidh orra uisge a chùmhnadh agus tha iad a' cur pìob eadar an dà eilean son uisge fhaighinn gu deas.