Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Tha na milleanan dhaoine a' cur am bhòt an-diugh san referendum a cho-dhùineas am bi Breatainn a' fuireach no a' falbh às an Aonadh Eòrpach. Dh'fhosgail na h-ionadan bhòtaidh aig 07:00m. Dùinidh iad aig 10:00f a-nochd, agus tha dùil ri buil na bhòt uaireigin anns a' mhadainn a-màireach.

Murt Jo Cox

Chaidh fear mu choinneimh an Old Bailey tro cheangal bhideo fo chasaid gun do mhuirt e am Ball-Pàrlamaid Làbarach Jo Cox. Cha tuirt Tòmas Mair, a tha 52, dad ach dearbhadh gur e sin ainm. Tòisichidh a' chùis-lagha na aghaidh anns a' chùirt air an 14mh là den t-Samhain.

Na Stàitean Aonaichte

Tha ùpraid ann an Còmhdhail nan Stàitean Aonaichte, agus buill anns a' Phàrtaidh Dheamocratach a' togail fianais ann an Taigh nan Riochdairean, agus iad ag iarraidh smachd nas cruaidhe air gunnaichean. Tha còrr is 200 dhiubh ag ràdh nach fhàg iad an t-seòmar gus am faigh iad a' bhòt a tha iad ag iarraidh air a' chùis.

Àireamh Sluaigh

Dh'fhàs àireamh sluaigh na Rìoghachd Aonaichte mu leth-mhillean an-uiridh, a rèir nam figearan as ùire. Thuirt Oifis na Staitistig Nàiseanta gun robh 65,100,000 a' fuireach ann am Breatainn anns an Ògmhìos an-uiridh, agus gu bheil sin a' cumail ris an àrdachadh a bh' ann gach bliadhna bho chionn deich bliadhna.

Stailc Rèile

Tha là eile de throimhe-chèile air an rèile leis an dàrna stailc aig ballrachd an aonaidh RMT. Tha luchd-obrach a' gearain mu phlanaichean ScotRail airson trèanaichean air nach bi luchd-obrach sam bith eile ach aon dràibhear. Seo an dàrna stailc an t-seachdain seo, agus tha dùil ri tuilleadh stailcean an dèidh seo.

Coimisean na Croitearachd

Tha Mìcheal Ruiseal, a bha na mhinistear airson croitearachd a' togail cheistean ann am Pàrlamaid na h-Alba mu Choimisean na Croitearachd. Thuirt ball Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bheil mòran ghearainnean a' tighinn às an sgìre aige fhèin, a bharrachd air na thachair do chomataidhean ionaltraidh an an Leòdhas. Thuirt e gun tog e na cùisean sin aig coinneimh Buidheann That-phàrtaidh na Croitearachd sa Phàrlamaid an ath-sheachdain.

Caisteal Leòdhais

Fosglaidh an taigh-tasgaidh agus tasglann aig Caisteal Leòdhais air a' 14mh là den ath-mhìos. Tha pàirt den togalach fosgailte dhan t-sluagh mar thà, ach an ceann trì seachdainnean fosglaidh an taigh-tasgaidh gu lèir, le taisbeanaidhean air iasad bho na taighean-tasgaidh nàiseanta agus nam measg, fir-tàileisg Leòdhais.