Strachan an Steòrnabhagh

  • 21 An t-Ogmhìos 2016
Gòrdan Strachan aig Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh. Image copyright Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Gòrdan Strachan aig Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.

Chuir manaidsear sgioba bhall-coise na h-Alba meal a naidheachd air cluicheadairean Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Leòdhas, a th' air a bhith anabarrach soirbheachail ann am farpais sgoiltean.

Ràinig sgiobannan bhon sgoil còig cuairtean deireannach de Chupa Chinn a Tuath na h-Alba, agus bhuannaich iad ceithir aca.

Bhuannaich a' chlann-nighean a bu shine an copan airson an t-siathamh bliadhna sreath a chèile.

Choinnich Strachan ri sgoilearan agus luchd-teagaisg aig an sgoil.

Tha an fharpais fosgailte dhan a h-uile àrd-sgoil an ceann a tuath na h-Alba.

Buaidh

Bhuannaich clann-nighean Sgoil MhicNeacail dà chopan - fear airson an fheadhainn òga agus fear airson nan sgoilearan a bu shine.

Shoirbhich leis na balaich a bu shine agus na balaich fo aois 14.

Ràinig na balaich fo 13 a' chuairt dheireannach aca-san cuideachd.

"Bliadhna air leth"

Thuirt Cathraiche an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar, Catriona Stiùbhart: "Tha sgiobannan Sgoil MhicNeacail air a bhith soirbheachail airson grunn bhliadhnaichean a-nis, ach 's e bliadhna air leth a tha seo.

"Cò aig a tha fios, 's dòcha gum faic sinn cuid aca a' cluiche dhan sgioba nàiseanta aon là."