Stailc rèile an RMT air tòiseachadh

  • 21 An t-Ogmhìos 2016
Trèana Image copyright PA

Bheir stailc le buill de dh'aonadh an RMT buaidh air seirbheisean rèile ann an ceann a tuath na h-Alba.

Seo a' chiad stailc co-cheangailte ri eas-aonta mu phlanaichean Rèile na h-Alba gus geàrdan a thoirt far nan seirbheisean fada.

Thèid an àireamh de thrèanaichean eadar Inbhir Nis, Peairt, Dùn Èideann agus Glaschu a ghearradh Dimàirt.

Tuath agus siar air prìomh bhaile na Gàidhealtachd, agus eadar Glaschu agus Malaig, bidh busaichean an àite nan trèanaichean.

Thug Riaghaltas na h-Alba rabhadh seachad gun toir an stailc buaidh air còmhdhail, 's gum bi na rathaidean trang.

Tha an RMT ag ràdh gu bheil Rèile na h-Alba airson trèanaichean le dràibhearan a-mhàin a thoirt a-steach, agus nach eil iad a' tuisginn cho cudromach 's a tha na geàrdan.

Thuirt Rèile na h-Alba nach eil sin fìor, agus gu bheil còrr air an dàrna cuid de sheirbheisean rèile air an ruith gu sàbhailte le dràibhear agus neach-thiceadan, agus às aonais gheàrd.