Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

15 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt an Seansalair, Seòras Osborne, agus an Seansalair Làbarach a bh' ann roimhe, Alasdair Darling, gum feumadh buidseat ann an èiginn a bhith ann nam fàgadh Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Tha iad ag ràdh gur e beachd neo-eisimeileach an Institiùid Airson Sgrùdaidh Fhiosgail gum fàgadh sin toll de £30bn anns an sporan phoblach, agus gum feumadh an uair sin seirbheisean poblach a ghearradh agus cìsean a dhol suas mu choinneimh sin. Thuirt 57 Ball-Pàrlamaid Tòraidheach a th' airson an AE fhàgail gun cuireadh iad stad air buidseat den t-seòrsa sin. Thuirt seann Rùnaire na h-Obrach agus Peinseinn, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, gur e bruidhinn air buidseat èiginneach an rud as gòraiche fhathast a rinn an iomairt airson fuireach anns an AE.

Cion-cosnaidh

Bha 11,000 nas lugha de dhaoine gun chosnadh agus a' sireadh obrach an Alba anns na trì mìosan eadar an Gearran agus an Giblean, leis an àireamh a' tuiteam gu 160,000. Bha an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte sìos cuideachd anns na mìosan sin mu 20,000, gu 1.67m.

Foghlam

Tha deasbad air foghlam ann an Alba aig àrd-choinneimh ann an Dùn Èideann an-diugh. 'S e Rùnaire an Fhoghlaim, Iain Swinney, agus Riaghaltas na h-Alba, a chuir a' choinneamh air dòigh. Tha riochdairean nam pàrtaidhean eile an làthair, agus iad a' bruidhinn, am measg rudan eile, air co-ionnanachd ann am foghlam dhan a h-uile sgoilear, ge b' i cà' bheil iad a' fuireach no dè an sgoil dha bheil iad a' dol.

Bàgh an Eige

Ghlèidh Pàirce Ghnìomhachais Bhàgh an Eige air taobh sear Rois cùmhnant anns a bheil luach mòran mhilleananan not mar làrach air an tèid na crainn a chur ri chèile airson tuath-gaoithe mòr Beatrice an ceann a-muigh Linne Mhoireibh. Chuir an Global Energy Group, a tha a' ruith Phàirce Bhàgh an Eige, an ainm ris a' chùmhnant sa mhadainn an-diugh le Siemens, a tha am measg nam buidhnean togail air a' phròiseact. Ged a thèid na crainn a thogail air làraich eile thèid an cur ri chèile aig Bàgh an Eige agus an gluasad a-mach gu Raon Beatrice. Thuirt Global Energy gun glèidh agus gun cruthaich seo còrr is 100 cosnadh ged nach urrainn dhaibh a bhith mionaideach mu na h-àireamhan sin.

Sir Philip Green

Dh'innis Sir Philip Green, dham buineadh BHS, do Bhuill-Phàrlamaid gu bheil e fìor-dhuilich mun dòigh san deach a' chompanaidh bhùithnean fodha. Tha Sir Philip, a tha a' toirt fianais an-diugh do Chomataidh na h-Obrach 's nam Peinnsean ann an Taigh nan Cumantan. Tha casaidean na aghaidh gun do tharraing e cus airgid a-mach às a' chompanaidh, agus gur e sin as coireach gun deach i fodha.

Croitearachd

Thuirt Mìcheal Ruiseal, a bha na mhinistear airson croitearchd gu bheil dragh mòr air mu dhol a-mach Choimisein na Croitearachd, agus gun tog e a' chùis leis a' mhinistear a th' ann an-dràsta, Fearghas Ewing. Tha riochdairean croitearachd a' coinneachadh ann an Dùn Èideann an-diugh agus connspaid a' sìor-dhol air adhart mun dòigh sa bheil an Coimisean a' dèiligeadh ri comataidhean ionaltraidh.