Obair air tòiseachadh air taigh-staile an Ratharsair

  • 14 An t-Ogmhìos 2016
Làrach an taighe-staile ùir Image copyright R&B Distillers
Image caption Thèid taigh-staile agus ionad luchd-tadhail a dhèanamh de sheann thaigh-òsta.

Tha obair air tòiseachadh air taigh-staile ann an Ratharsair - a' chiad taigh-staile laghail a bhios anns an eilean.

Tha R&B Distillers a' dèanamh taigh-staile agus ionad luchd-tadhail de sheann taigh-òsta Bhictorianach, Taigh Bhorghadail.

Dh'fhaodadh gun tòisich iad a' dèanamh an uisge-bheatha anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna.

Tha R&B a' ciallachadh 'Raasay and Borders' air sgàth 's gum buineadh na sinn-seanairean aig fear dhe na daoine a stèidhich a' chompanaidh, Alasdair Day, do dh'Innse Gall agus na Crìochan.

Tha Taigh Bhorghadail air a bhith falamh bho 2006.

Feumaidh bucais airson ialtagan a bhith aig an làraich cuideachd, às dèidh mar a chaidh an lorg ann an Taigh Bhorghadail.

Image copyright Handout