Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Ogmhìos 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seòras Osbourne

Tha an seansalair, Seòras Osborne, a' toirt deasbad referendum an Aonaidh Eòrpaich a dh'Alba an-diugh agus e a' tadhal air na Crìochan feasgar. Canaidh esan gum biodh buille chruaidh eaconomaiceach ann le falbh às an EU, gun cailleadh Alba còrr is 40,000 cosnadh an taobh a-staigh dà bhliadhna agus gun tuiteadh luach thaighean gu mòr. Tha an iomairt son fàgail ag ràdh nach eil an seansalair ach a' feuchainn ri eagal a chur air luchd-bhòtaidh agus gur ann fìor ainneimh a tha fàidheadaireachd Roinn an Ionmhais ceart.

EU

Tha àrd bhall Tòraidh a' cur a cùl ris an iomairt son Breatainn a thoirt a-mach as an EU. Tha Sarah Wollaston, a tha na cathraiche air Comataidh Thaghte na Slàinte, agus a bha na dotair teaghlaich, ag ràdh nach eil fìrinn sam bith sa bheachd gum biodh £350m a bharrachd ann gach seachdainn son a chosg air an NHS nam fàgadh Breatainn an EU. Tha an iomairt son falbh ag ràdh gu bheil an àireamh sin ceart.

Deasbad

Canaidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gu feum dùthchannan a bhith neo-eisimeileach, agus aig a' cheart àm an eiseimeil a chèile, agus i a' deanamh argamaid son fuireach anns an Aonadh Eorpach. Tha ise, agus Boris Johnson, am measg na bhios a' deasbud na cùise air telebhisean, air ITV, an nochd.

Pàighidhean

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gu bheil e gu math dòchasach gum pàigh an riaghatas an subsadaidh gu lèir do thuathanaich agus croitearan ro dheireadh na mìos seo, an ceann-ùine a chur an t-Aonadh Eòrpach romhpa. Tha an t-Aonadh a' maoigheadh càin de £125m air Riaghaltas na h-Alba mur a cur iad an t-airgead gu lèir a-mach ro dheireadh na mìos.

CalMac

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh coinneimh le Caledonian Mac a' Bhriuthainn son dèanamh cinnteach gun cùm a' chompanaidh ris na gheall iad nuair a ghlèidh iad cùmhnant nan seirbhisean aiseig a-rithist bho chionn ghoirid. Am measg rudan eile, tha comhairlichean ag iarraidh barrachd de luchd-obrach, agus buill bùird na companaidh a stèidheachadh anns na h-eileanan. Tha iad cuideachd ag iarraidh leasachadh air clàran-ama air cuid de na seirbhisean, nam measg eadar Steòrnabhagh agus Ulapul air mìosan an t-samhraidh.

Na Ceallan

Tha an t-ionad a tha a' deanamh deigh aig Cidhe nan Ceallan ann an Griomasaigh a' dùnadh. Ged a chosg e faisg air £350,000 bho chionn dìreach deich bliadhna, dh'aontaich Comataidh na Còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar a dhùnadh, ged a thog cuid dhe na buill ceistean mun airgead a chaidh a chosg air a' ghoireas sa chiad dhol a-mach agus dè chaidh ceàrr leis a' phlana ghnìomhachais a chaidh a dhealbh air a shon.